SCRAN - Stòras mór de dhealbhan, bhideos agus fiosrachadh a' buntainn ri Albainn

Airson logadh a-steach gu Scran, briog Athens Log In agus an uair sin Alternative login, agus an uair sin UHI Millennium Institute, agus an uair sin cleachd an t-ainm-cleachdaidh agus facal-faire àbhaisteach a th'agad aig OGE.

(Tha seann-dòigh eile ann agus is dòcha gum bi e fhathast ag obrachadh: ainm-cleachdaidh "uhi8" agus facal-faire "method47")

Tha an stuth seo saor bho chead-sgrìobhaidh airson cuspairean foghlaim, tha Oilthigh na Gaidhealtachd air cead-cleachdaidh a cheannach, agus mar sin tha làn cead aig oileanaich agus aig luchd-teagaisg a chleachdadh ann an aistean, taispeanaidhean Powerpoint, agus stuth teagaisg sam bith.

Chan eil e ceadaichte san àbhaist an stuth a chleachdadh ann an duilleagan-lìn a tha fosgailte don t-saoghal, ach tha e ceadaichte a chleachdadh ann an duilleagan a tha glaiste is fosgailte don Cholaiste a-mhàin (mar a tha an té seo) no do UHI a-mhàin. Tha barrachd fiosrachaidh mu seo air an làraich aig SCRAN.


Eiseimpleirean de stuth a tha feumail airson nan cùrsaichean aig Sabhal Mór Ostaig

 
Pròiseactan
 
Goireasan ionnsachaidh
Pathfinders
(Airson eachdraidh agus bàird, faic cuideach an Stòrdàta Fiosrachaidh.)
2006-09-19 CPD