Ciamar a chuireas mi dealbhan agus ìomhaighean de theastanais ann an Webtrees?

1. Sàbhail an dealbh air a’ choimpiutair agad fhéin

Sabhail na dealbhan sloinntearachd ann am pasgan còmhla, agus dèan cinnteach gu bheil ainmean ciallach air na faidhlichean, a réir siostam air choireigin. Tha mi fhìn a’ cleachdadh ainmean leithid:

Bu chòir dhut caractairean sònraichte leithid ,();?!"'& a sheachnadh anns na h-ainmean faidhle. Bu chòir dhut sràcan a sheachnadh air litrichean cuideachd: àèìòù. Tha mise a’ seachnadh nam beàrnan (spaces), le bhith a’ sgrìobhadh _ ’nan àite.

2. Dèan cinnteach gu bheil e sa chruth .jpg agus nach eil e ro mhór

Chan eil WWW agus Webtrees comasach déiligeadh ris a h-uile seòrsa deilbh. Tha Webtrees comasach déiligeadh ri dealbhan sa chruth .jpg, ach chan eil e comasach air .tif mar eisimpleir. Nuair a gheibh thu ìomhaigh de theastanas bho ScotlandsPeople, tha e mar as trice sa chruth .tif, agus feumaidh tu a thionndadh dhan cruth .jpg. Tha mise a’ cleachdadh a’ phrògram GIMP airson dealbhan a thionndadh bho .tif gu .jpg, agus airson dealbhan a dheasachadh, ach tha iomadh prògram eile a nì an obair sin: m.e. MS-Paint agus Irfanview. Tha GIMP r’a fhaighinn saor ’s an asgaidh bhon Eadarlìon. (Tha cuid de na download sites a’ feuchainn ri sgudal a thoirt dhut còmhla ris a’ phrògram a tha thu ag iarraidh - dèan cinnteach nach gabh thu ach ris an rud a tha thu ag iarraidh.) Tha GIMP slaodach a’ tòiseachadh air na PCs, ach tha e luath gu leòr às déidh sin.

Gu tric bidh thu ag iarraidh beagan bearraidh (cropping) a dhèanamh air an dealbh airson faighinn cuidhteas sgudal a tha air a oir. Nochdaidh tu na Tools le bhith a’ putadh Ctrl+B ann an GIMP, agus chì thu an Crop tool (sgian). Uaireannan bidh thu ag iarraidh an dealbh a thionndadh 90⁰ cuideachd (Image > Transform > Rotate, ann an GIMP). An uair sin, ma tha thu a’ cleachdadh GIMP, dèan File > Export as. Thoir ainm faidhle dha a tha a’ crìochnachadh le .jpg, agus nì GIMP lethbhreac sa chruth sin. Faighnichidh GIMP dhìot dé an Quality a tha thu ag iarraidh. Dèan cinnteach nach iarr thu quality ro àrd, oir le JPEG quality faisg air 100% is gann gum bi compression sam bith air an dealbh agus bidh am faidhle eagalach mór. Tha mise an còmhnaidh a’ cleachdadh rudeigin eadar 80% agus 86%; mar as trice tha mi a’ cleachdadh 84%. An uair sin faodaidh tu an dealbh a dhùnadh, agus chan eil feum air save changes oir tha thu air na changes a ghléidheadh mu-thràth anns an fhaidhle .jpg.

Ma sganas tu dealbhan le scanner, dèan cinnteach gum bearr thu iad gus faighinn cuidhteas sgudal bhon oir, agus gun sàbhail thu iad sa chruth .jpg. Ma tha teastanais mhóra agad air pàipear no dealbhan balla a tha ro mhór dhan scanner, uaireannan nì camara digitach an gnothach, ged nach bi an gné cho math ’s a tha le scanner. Uaireannan tha am Perspective tool ann an GIMP feumail airson sgioblachadh.

Na dealbhan a thig a-mach à camara digitach san latha an-diugh, tha iad gu tric eagalach mór. Tha 1 MB ceart gu leòr ann an Webtrees, ach tha 3 MB ro mhór. Faodaidh tu Image > Scale Image a chleachdadh ann an GIMP airson an àireamh de pixels a lughdachadh. Dèan cinnteach cuideachd nach eil an JPEG quality ro àrd.

3. Luchdaidh an dealbh a-steach ann an Webtrees

Mar as trice, bidh an dealbh a’ buntainn ri Event air choireigin, mar eisimpleir breith no pòsadh no bàs. Theirig dhan Event sin ann an Webtrees, dèan Edit, briog “Add a new media object”, agus briog an dealbhag ‘+’ airson Create a new media object. Mura h-eil an dealbh a’ buntainn ri Event fa leth, theirig dhan Media tab aig an duine ris a’ bhuineas e, agus briog “Add a new media object”.

Nochdaidh foirm, agus chan eil móran a dh’fheumas tu a lìonadh ann idir, dìreach na h-àiteachan ① ② ③ ④ mar a chìthear anns an dealbh seo:
  

Airson , dèan brabhsadh agus tagh am faidhle air a’ choimpiutair agad fhéin. Cha leig thu leas thumbnail a uploadadh oir chruthaichidh Webtrees thumbnail dhut. (Faodaidh thumbnail a bhith feumail, ge-tà, ma tha thu ag uploadadh pdf, no faidhle-fuaime, no bhideo.)

Airson , faodaidh tu an Type fhàgail aig Photo ma ’s e dealbh-camara a th’ann. Ach airson rudan eile leithid ìomhaigh de theastanas, tha mise ga atharrachadh gu Document. Chan eil sin uabhasach cudromach.

An Title , ’s e seo an caption a bhios mu choinneimh an deilbh ann an Webtrees. ’S ann airson mac an duine a tha an tiotal seo - chan e ainm coimpiutaireachd a th’ ann. Mar sin, faodaidh tu a h-uile caractar sònraichte ,;()!? agus sràc a thogras tu a chleachdadh.

Tha , Highlighted image airson taghadh a bheil thu ag iarraidh an dealbh a bhith a’ nochdadh mar seòrsa thumbnail picture, a comharrachadh an duine sin aig mullach na duilleig aige agus anns na charts. Mar as trice chan eil thu ag iarraidh sin, agus canaidh tu an an uair sin Never. Ach ma tha thu ag iarraidh dealbh-camara a chleachdadh anns an dòigh sin, taghaidh tu Always.

Nuair a bhios tu deiseil, put Save. Théid an dealbh a luchdadh a-steach ann an Webtrees - uaireannan bheir seo beagan ùine - agus nuair a bhios e deiseil, bheir Webtrees àireamh dha a’ tòiseachadh le ‘M’ (airson media object): M2317, mar eisimpleir. Fuirich gus an nochd an àireamh sin.

4. Ceangail an dealbh ri daoine eile sa chraoibh, ma tha seo iomchaidh

Gu tric buinidh dealbh no ìomhaigh ri barrachd is aon duine sa chraoibh - dealbh-camara anns a bheil barrachd is aon duine, mar eisimpleir, no ìomhaigh de chunntas-sluaigh anns a bheil an teaghlach gu léir. Cha bhi thu idir a luchdadh an aon dealbh a-steach ann an Webtrees iomadh turas. Bidh thu dìreach ga luchdadh a-steach dhan chiad duine, agus às déidh sin, gabhaidh an dealbh a cheangal ri na daoine eile. Ma tha thu a’ air ìomhaigh cunntas-sluaigh leis an tiotal “Simon Smith and family, 47 Montgomerie Place, Ardrossan, census 1901”, mar eisimpleir, a luchdadh a-steach airson Simon Smith, nuair a bhios tu a’ cruthachadh Census event dhan bhean aige, bidh thu a putadh “Add a new media object” mar as àbhaist, ach cha bhi thu a’ putadh ‘+’ airson dealbh ùr a luchdadh a-steach. Bidh thu dìreach a’ tòiseachadh a’ sgrìobhadh “Simon Smith and f...” anns a’ bhogsa, agus faodaidh tu an uair sin an dealbh a thaghadh bhon liosta a bhios a’ nochdadh.

2016-01-12 CPD