Mar a chaidh am Briathrachan Beag a chur air a’ choimpiutair

Sgrìobh Caoimhín Ó Donnaíle agus cuideachd Ruth Melton am faclair seo a-steach dhan choimpiutair aig Sabhal Mór Ostaig eadar 1991-10-12 agus 1991-12-08. 'S e seo ri ràdh gun sgrìobhadh gach rud a-steach dà thuras airson a dhearbhadh agus na mearachdan taidhpidh a cheartachadh.

Gnàthasan sgrìobhaidh:

Fuaim:
’S e Murchadh M. MacDhòmhnaill (Murchadh “Stal”) à Col Uarach ann an Leódhas a leugh am faclair gu léir a-steach air téipichean casette timcheall air a’ bhliadhna 1997. Chuir Frances Forrest air a' choimpiutair iad. Gheàrr Marc Mac an Tuairneir iad gus am biodh faidhle ann airson gach duilleag fa leth. (Rinn Marc cuideachd scanadh air an leabhar gu léir.)

2008-01-27 CPD