Galar nan Cluas

'S e seo galar a tha gu math cumanta agus trom san eilean. 'S e galar chaorach a th' ann. 'S iad gathan na grèine agus stuthan ceimigeach san fhuil (a thig a-mach à lusan) a tha a' tighinn còmhla gus milleadh a dhèanamh ann an craiceann geal, gu seachd àraid mun aodann agus mu na cluasan aca. Chan eil e ach a' bualadh air uain, airson adhbhar nach eil so-thuigsinneach.

cluasanSeo an coltas as cumanta a th' air galar nan cluas san Eilean Sgitheanach. Dèan gliog air an dealbh beag airson sealladh nas fheàrr, agus chì thu gu bheil cluasan na h-othaisge Dhubhcheannaich a tha seo air grodadh agus air tuiteam far a' bheathaich nuair a bha i na h-uan. Gu fortanach dhi, tha am milleadh air slànachadh gu ìre mhòr agus mairidh i beò mar seo. Uaireannan bidh galar nan cluas a' bualadh air pìosan eile dhen bheathach cuideachd. Nas cudromaiche buileach, dh'fhaodadh e bualadh air grùthan a' bheathaich; 's ann an uair sin a bhios comharraidhean dhen ghalar bhuidhe a' nochdadh, agus 's dòcha gur e seo as coireach gu bheil yellowses air sa Bheurla. Ach gu math tric tha coltas buidhe air a' mhilleadh-craicinn cuideachd (faic os ìosal). Faodaidh am milleadh air a' ghrùthan a bhith marbhtach.

yellowses
Uan a tha a' fulang fo bhuaidh galar nan cluas
Tha mullach a chinn còmhdaichte le sgreaban buidhe is silteach buidhe.


bliochan
bliochan

'S e bliochan - bog asphodel no Narthecium ossifragum - as coireach airson galar nan cluas san eilean a tha seo (faic dealbh os àrd). Tha na milleanan dhiubh a' fàs air a' mhòintich, agus nuair a tha na caoraich gan ithe tha stuthan ceimigeach a' dol a-steach dhan fhuil aca. Ann am buill dhen chorp far a bheil an craiceann geal agus tana, tha gathan na grèine a' dol an sàs anns na stuthan ceimigeach agus ag adhbharachadh at agus milleadh, gus am bi an craiceann timcheall a' grodadh. 'S e photosensitisation a chanar ri seo sa Bheurla.
Tha beachd aig cuid a chroitearan gu bheil cairt-làir (tormentil no Potentilla erecta) an sàs sa chùis cuideachd.

Chan eil leigheas no banachdach ann airson a' ghalair a tha seo.
Sna seann làithean, bhiodh iad ri cur teàrr air cluasan a' bheathaich.
Ma mhaireas iad beò tron chiad shamhradh aca, thèid iad os a chionn agus cha tig am milleadh air ais; chan eil fhios carson nach till e an ath-bhliadhna.
Ma tha iad fantainn beò tron chiad bhliadhna, bidh iad taghta às dèidh sin.

droch
Fìor dhroch sheòrsa
Druim uan dubhcheannach air a bheil galar nan cluas - fìor dhroch chùis - a' bualadh.
Bhiodh e furasta smaoineachadh gur e a' chlaimh a bh' ann.
Ach mar as àbhaist, buailidh a' chlaimh orra nas fhaide air adhart sa bhliadhna.