Buille cnuimh


cnuimheagan air lot bheathaich ...
- dean gliog air mur an do dh'ith thu bho chionn ghoirid!
cnuimheagan

'S i a' chuileag Lucilia serrata ("greenbottle") a bhios air a tarraing do lot air beathach, far a bheil i a' cur uighean (na ceudan dhiubh). Guiridh iad gu math luath ('s gann gun gabh a chreidsinn dè cho luath 's a thachras e) agus thig na cnuimheagan àsta.

Tha na biastan seo a' sgeitheadh a-mach puinnsean a chnàmhas feòil a' bheathaich, agus nì iad cron mòr mura tèid bacadh a chur orra. 'S e rud a tha seo a bhios a' nochdadh as t-samhradh agus as t-fhoghair, nuair a tha na cuileagan am pailteas! Air sgàth sin, tha e cudromach gun a bhith a' spoth bheathaichean le sgian sna mìosan seo (oir thèid cuileagan a tharraing dha na creuchdan).


Cungaidhean-leighis air a shon ...

San t-seann aimsir, bhathar a' liacrachadh teàrr air lot bheathaich gus na cuileagan a chumail air falbh. Aig deireadh na ficheadamh linn, chaidh stuthan ceimigeach ùra - na pyrethroids cochurach - a chur an gnìomh airson cungaidh-bhacaidh, ach gabhaidh an cleachdadh nan leigheas cuideachd, air am frasadh no air an doirteadh gu dìreach air a' mhilleadh fhèin.

squirt
A' frasadh nam pyrethroids
air caoraich le uidheam sònraichte.

Cungaidhean-bacaidh air a shon ...

'S fheàrr cungaidh-bhacaidh na leigheas. Cleachdar na pyrethroids cochurach, air an doirteadh no air am frasadh air druim a' bheathaich ron àm as motha cunnart as t-samhradh - thèid seo a dhèanamh tràth san Iuchair aig a' char as fhaide. Measgaichich agus sgaoilidh na pyrethroids anns a' ghèir a tha a' comhdach craiceann a' bheathaich, agus mairidh iad an sin fad co-dhiù mìos a thìde gun call èifeachd idir.

diopadh le pyrethroids a' chùis cuideachd, agus s' fheàrr le cuid diopadh seach frasadh. Bhiodh diopadh le organophosphates na bhacadh math cuideachd ach mar as àbhaist tha croitearan ag iarraidh na h-OPs a chleachdadh aig deireadh an t-samhraidh no as t-fhoghar nuair a tha a' chlaimh a' bagairt orra, agus tha seo ro fhadalach sa bhliadhna airson mòran buaidh a bhith aige air buille cnuimh.

Cuideachd, tha e cudromach a bhith a' deiligeadh le cùisean a bhios a' tarraing chnuimheagan dhan bheathach; mar eisimpleir, bha ciobairean a-riamh a' gearradh na clòimhe mu tholl a' mhàis as t-samhradh le deamhais, oir nuair a thig an sgàird orra thèid an ceann-deiridh a dhroch thruailleadh mura deach a' chlòimhe a gheàrradh dhiubh. Seo as coireach cuideachd gun tèid earbaill nan uan a ghearradh aig àm a' chomharrachaidh.