An Tuaicheall

wow
Am milleadh-eanchainn
balgan
Am balgan-bèiste a dh'adhbhraich e

'S e galar-eanchainn chaorach a tha seo, ach 's e biast nan con (Taenia multiceps) a tha ga adhbharachadh. Seall air an dealbh os àrd (làimh chlì). Tha làrach liath-ghlàs air an roinn chlì dhen eanchainn, no air a' cerebellum ann an dòigh saidheansail. Seo am milleadh a tha a' bhiast a' dèanamh nuair a thig i a-steach gu eanchainn chaorach. Agus mar as motha a tha am milleadh a' dol am meud, 's ann as motha a chithear na comharraidhean - bidh casan na caoraich bhochd a' fàs lag, bidh i a' dol mu seach agus a' feuchainn ri dhol ann an cearcall gun sguir. 'S e sturdy a chanas cìobairean ris sa Bheurla-Ghallta, no gid sa Bheurla.
Air an làimh dheas os àrd, chithear an rud a dh'adhbhraich am milleadh às dèidh a thoirt a-mach. 'S e balgan beag làn uisge a th' ann, agus chithear àl na bèiste a' fàs taobh a-staigh dhen lìnigeadh. Chaidh a' chaora a thruailleadh leis an rud nuair a dh'ith i feur a bh' air a thruailleadh le buachar coin.


circling
Caora a' feuchainn ri dhol ann an cearcall

Tha an galar seo an urra ris an dlùth-cheangal a th' eadar caoraich agus coin-chaorach. Tha biast nan con an urra ris an dlùth-cheangal a tha seo. 'S e cearcall-beatha a tha gu math co-thoinnte a th' aig a' bhiast. Tha na h-inbhich - ris an canar biast nan con - beò ann am mionach chon.

biast
An coltas a tha air biast nan con
dhen gnè Taenia multiceps

Tha na meanbh-uighean aca ga sgaoileadh sa bhuachar air feur far am bi caoraich ag ionaltradh, tha caoraich ag ithe an fheòir leis na h-uighean agus bidh na larbhae a' fàs sa chaora agus a' gluasad dhan eanchainn, agus do bhuill-chuirp eile. Thèid beatha na bèiste na làn-chearcall nuair a bhasaicheas caora air a' mhòinteach, agus nuair a dh'itheas cù-chaorach an closach (eanchainn agus larbhae na chois).

Leigheas air a shon ...

Uaireannan gabhaidh obair-lannsa a dhèanamh, le bhith a' fosgladh a' chlaiginn gus an cyst a thoirt air falbh. Feumar a bhith gu math cinnteach far a bheil a' bhiast suidhichte san eanchainn! Bhathar ga dhèanamh fiù 's sna seann làithean.

Cungaidh-bhacaidh ...

Tha e cho cudromach 's a ghabhas nach fhaigh coin-chaorach (no coin sam bith) cothrom closach chaorach a chagnadh! Cuideachd, bu choir dhan a h-uile cù a bhith air a dhòsadh gu cunbhalach le pileachan gus inbhich de bhiast nan con a chlìoragadh a-mach às a rian-cnàmhaidh. Tha na cungaidhean-bacaidh seo cudromach gus stad a chur air an galar hydatid cuideachd.