Dearbhadh litreachaidh sa Ghàidhlig

(Tha am fiosrachadh seo an àite seann duilleag le fiosrachadh air an an t-seann liosta facal aig Roy Wentworth, a dh’fhaodadh a bhith fhathast gu feum air seann choimpiutairean)

Chaidh an Dearbhair seo airson Gàidhlig na h-Albann a chruthachadh fo bhratach Pròiseact an Dearbhair leis an European Language Initiative (TELI), le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha barrachd is 540,000 cruthan de dh’fhaclan anns an Dearbhair. Chaidh a chur ri chéile a’ tòiseachadh bhon chiad dearbhair a chruthaich ar co-obraiche an Dr Roy Wentworth nach maireann.

Fios: Is ann gus am bi dearbhair ri fhaighinn aig luchd-cleachdaidh MS-Office air PC fhad’s a tha sinn a’ feitheamh ri dearbhair slàn Gàidhlig bho Microsoft a chuir sinn an tionndadh seo air dòigh. Leis a sin, ’s e goireas dà-chànanach a th’ ann. Cuimhnich gum bu chòir dhut cànan na sgrìobhainne a chur gu English. Na cur an cànan gu Gaelic (Scotland).

  1. Brioc-deas air an fhaidhle  dearbhair-utf16.dic,  roghnaich “Save Link As …” (no “Save linked content as …” ma ’s e sin a tha am brabhsair agad ag ràdh) agus cuir ann an àite sàbhailte air a’ choimpiutair agad e (mar eisimpleir C:\Users\Public\).
  2. Fhad ’s a tha sgrìobhainn fosgailte agad ann am Word, theirig gu  File>Options>Proofing>Custom Dictionaries>Add …
  3. Lorg am faidhle agus briog OK

Bidh an Dearbhair a-nis ag obrachadh còmhla ris an dearbhadh Beurla air a’ choimpiutair agad, mar nàdar de leudachadh Gàidhlig air sin.

Comhairle bhuatsa: Tha TELI a’ beachdachadh gur e ùine cho-chomhairleachaidh phoblach a tha sa chiad bhliadhna den bheatha ag na foillseachain agus batharan gu léir a chruthachas sinn. Ma chì thu cruthan de dh’fhaclan a tha mì-cheart nad bheachd-sa, no ma’s math leat feadhainn a bharrachd a mholadh dhuinn, cuir fios gun dàil dhan t-seòladh seo: mailshot@waitrose.com

P.S. Is dòcha gum bi seo nas fheumaile a-nis na a’ chomhairle a tha shuas:
Gaelic at the University of Edinburgh: Install Gaelic language packs on Office 365

Roghainnean a mholamaid:

“Check spelling as you type”  air
“Check grammar errors as you type”  dheth
“Check grammar with spelling”  dheth

Ma chì thu nach eil an dearbhadh-litreachaidh ag obair ann an sgrìobhainn, no ann am pàirt de sgrìobhainn, ’s dòcha gum bi feum agad air “Edit>Select All” agus an language a chur gu English.

Ma tha thu a’ cur dearbhadh litreachaidh air dòigh air siostam eile seach MS-Office agus Microsoft, tha e nas coltaiche gur ann sa chruth UTF-8 seo a bhios tu ag iarraidh an liosta:  dearbhair-utf8.dic


Dearbhairean Gàidhlig eile:

2012-09-30 CPD