An Sruth
Liosta
Bitheantas

2

a rèir

a rèir a chèile

a-bhos

mu dheireadh thall 's a-bhos ★★

mu do choinneimh a-bhos

a-chaoidh

a-chaoidh

a-mach às mo shealladh ort is na thig nam ghaoith a-chaoidh a-rithist! ★★

cha bhi e a' sgur a dh'obair a-chaoidh

cha bhi each-iasaid sgìth a-chaoidh

cha thachair sin a-chaoidh ★★

cha till sinn a-chaoidh ★★

a-mach

a-mach gun tug e ★★

a-mach gun tug e aig peilear a bheatha ★★

a-mach gun tug iad ★★

a-mach leis! ★★

a-muigh no a-mach

a' cur a-mach air a bheul ★★

a' cur a-mach air a' bheul ★★

a' cur a-mach air beul

air a bheilear a-mach ★★

am bi thu a' dol a-mach gu tric? ★★

am bu mhath leat dol a-mach gu biadh? ★★

an cuspair air an robh sinn a-mach ★★

an gabh a-mach a thoirt do chuideigin

anns a' chiad dol-a-mach ★★

bheir e a-mach an tòrachd

bhris e a-mach a' caoineadh ★★

bidh iad a' toirt sùilean a chèile a-mach daonnan

bidh mi a' dol a-mach uaireannan ★★

cha dèan e cron sam bith dhut dol a-mach a-nochd ★★

chaidh a' chùis air fad a thoirt a-mach am fianais an t-sluaigh ★★

chaidh iad a-mach air a chèile ★★

chaidh sinn a-mach a' coiseachd Dihaoine ★★

chaidh sinn a-mach air a chèile

chaidh sinn a-mach air a chèile mu dheidhinn na dibhe ★★

cò air a bheil thu a-mach? ★★

coimhead a-mach air do shon fhèin

cuideigin a-mach às an àbhaist ★★

cuir a-mach ★★

cuir thu fhèin a-mach

cùm a-mach

cur a-mach air beul

dè 'n dol-a-mach a tha thu ris?

dè an cur-a-mach a tha ort os ìseal?

dè an dol a-mach a th' aige?

dè an dol-a-mach a th' aige a-nis?

faodaidh e bruidhinn a-mach air a shon fhèin

fhuair e a-mach gum b' fheàirrde e e air a' cheann thall

gabhaidh e an cuthach nuair a gheibh e a-mach

gabhaidh i an cuthach ma gheibh i a-mach ★★

ma tha e cho math agus a tha e a' cumail a-mach ★★

mar chlach a-mach às an adhar ★★

rudeigin a leigeil a-mach

shìn e a-mach mar theine-gradaig

tha cur a-mach anabarrach aige

tha e a-mach air sin gun sgur

tha e air a bhith ris an dol-a-amach sin o chionn fhada

tha e air a' cheann-uidhe a thoirt a-mach

tha i a' cur a-mach air a beul ★★

tha i a' toirt a-mach lagh

tha iad air a dhol a-mach air a chèile ★★

tha iad fad' a-mach an dàimh ★★

tha mi a' cumail a-mach gu ★★

tharraing e a-mach às ★★

thilgeadh e na chlostar a-mach

thoir a-mach à m' fhianais ort! ★★

thoir a-mach às mo rathad iad ★★

thoir a-mach ort!

thug e a-mach a' bhuaidh ★★

thug e a-mach ceann-uidhe slàn sàbhailte

thug mi a-mach mo dhìol dheth

thug thu na faclan a-mach às mo bheul

tiugainn a-mach cuairt

a-mach

a-mach bho mo chridhe

a-màireach

reothairt an-diugh is conntraigh a-màireach

thèid mi gu Àrd Mhacha a-màireach ★★

a-màireach

dè an seòrsa sìde a bhios ann a-màireach? ★★

a-mhàin

ach a-mhàin

a-muigh

a-muigh no a-mach

air a' bhlàr-a-muigh ★★

an taobh a-muigh a' bhaile ★★

bha latha air a' bhlàr a-muigh againn ★★

chòrdadh e rium gu mòr an saoghal a-muigh air an tuath fheuchainn ★★

thoir am baile a-muigh ort!

a-nall

bha e a' falbh a-null is a-nall greis ★★

a-nis

a-nis nuair a smaoinicheas mi air ★★

cha tèid stad a chur air a-nis! ★★

faodaidh tu fois a ghabhail a-nis ★★

feumaidh mi cumail ri mo shaothair gun lasachadh a-nis ★★

nach sinn fhèin a tha ann an staing a-nis! ★★

tha a h-uile càil na bhùrach againn a-nis ★★

tha Dòmhnall a' fuireach ann an Glaschu a-nis ★★

tha mi a' cluinntinn gu bheil sibh a' fuireach ann an Sruighlea a-nis ★★

tha sinn a' fuireach còmhla a-nis ★★

tha sinn air ais aig an toiseach a-nis!

a-nochd

am faigh thu cothrom dol dhan cheòl a-nochd? ★★

cha chreid mi gum bi mi aig a' chèilidh a-nochd ★★

cha dèan e cron sam bith dhut dol a-mach a-nochd ★★

dè tha thu a' dol a dhèanamh a-nochd? ★★

tha coinneamh mhòr ga cumail a-nochd ★★

tha mi ri coinneachadh ri Seumas a-nochd ★★

a-nuas

cuideigin a thoirt a-nuas buille no dhà

tharraing e a-nuas air fhèin e

thig a-nuas! ★★

a-null

a' coiseachd a-null 's a-nall

a' siùdan a-null 's a-nall

bha e a' falbh a-null is a-nall greis ★★

cha tèid e a-null no a-nall bhon fhìrinn

dol a-null thairis

tha iad a' brùthadh a-null 's a-nall air càch-a-chèile

a-raoir

an d'rinn sibh càil sam bith snog a-raoir? ★★

an do chòrd an ceòl riut a-raoir? ★★

bha i a' tarraing aiste a-raoir ★★

bha mi a' casadaich gun sgur a-raoir ★★

càit' an do dh'fhuirich sibh ann an Dùn Èideann a-raoir? ★★

chosg mi cus airgid anns an taigh-sheinnse a-raoir ★★

dh'fhuirich mi aig an taigh a-raoir ★★

dh'fhuirich sinn ann an taigh-òsta ann am Bàgh a' Chaisteil a-raoir ★★

ghabh sinn smùid a-raoir ★★

tarraing an lìon a chuir mi a-raoir!

a-riamh

cha deach theab a-riamh le creig

a-rithist

's math t' fhaicinn air do chois a-rithist

a-mach às mo shealladh ort is na thig nam ghaoith a-chaoidh a-rithist! ★★

an urrainn dhut sin a ràdh a-rithist, mas e do thoil e? ★★

an-dràsta 's a-rithist ★★

an-dràsta no a-rithist

bidh mi a' cluich tennis leatha an-dràsta 's a-rithist ★★

bidh mi a' leughadh an Albannaich an-dràsta 's a-rithist ★★

can a-rithist

chan eil rian gun dèan mi siud a-rithist ★★

chì mi a-rithist thu ★★

nan rachadh agam air a dhèanamh a-rithist ★★

seo mise a-rithist!

tha e a' cur ris a-rithist!

tha e aige fhèin a-rithist

tha e air a bhonnan a-rithist

tha e shuas air a chois a-rithist ★★

a-staigh

bi a-staigh air

bidh mi a' fuireach a-staigh mar as trice tron t-seachdain ★★

a-staigh

an duine a-staigh

a-steach

a' brùchdadh a-steach air rudeigin

amadain a' gabhail a-steach far an stadadh an duine glic

bha a h-uile rud gu dòigheil gus an do chuir esan a theanga a-steach ★★

bris a-steach air cuideigin

cha dèan math dhut do chuid feirge a bhruthadh a-steach

cha tàinig e a-steach orm riamh gun robh thu cho fliuch agus a tha thu

chaidh e a-steach air an doras

cò an Donas a leig a-steach thu! ★★

do shròn a chur a-steach ann an gnothach cuideigin eile

ghabh mi a-steach e

na bris a-steach air!

rudeigin a thoirt a-steach ★★

seall cò thug an donas a-steach! ★★

tha e a' tighinn a-steach orm ★★

tha mi dìreach an dèidh gluasad a-steach ann an taigh ùr ★★

thàinig e a-steach orm ★★

thàinig e a-steach orm mu dheireadh nach biodh iad a' tighinn ★★

thèid sinn a-steach dhan taigh-sheinnse is gabhaidh sin tè-bheag ★★

thig a-steach ★★

thigibh a-steach ★★

thoir a-steach air cuideigin ★★

thoir dhomh crùb a-steach

a' bhòn-dè

bha mi ann an Dùn Èideann a' bhòn-dè ★★

thuit Iain far a rothair a' bhòn-dè air a shlighe do dh'obair ★★

a' bhòn-raoir

bha Altan a' cluich ann an Glaschu a' bhòn-raoir ★★

aba

an nì a nì an dara h-aba subhach, nì e dubhach an t-aba eile

abachadh

gealach bhuidhe an abachaidh

abair

's e sin ri ràdh

's fhasa a ràdh na a dhèanamh ★★

's fhasa ràdh na chur an gnìomh

's furasta dhut sin a ràdh!

's math mar a thuirt thu e!

(h)abair e! ★★

a bheil teagamh sam bith ann mu na thuirt mi? ★★

a bheil thu ag ràdh rium?! ★★

a dh'aindeoin cò theireadh e

abair aghaidh!

abair call ùine! ★★

abair cràdh! ★★

abair dosgainn!

abair faothachadh dhomh! ★★

abair fhèin e! ★★

abair gun... ★★

abair iongnadh! ★★

abair sealladh brèagha! ★★

abair thusa banais! ★★

abair thusa gun d'fhuair thu tìodhlac!

abair thusa pailteas!

an gille ris an abrar Iain ★★

an tuirt e gum biodh e fadalach? ★★

an urrainn dhut sin a ràdh a-rithist, mas e do thoil e? ★★

bha a dh'anam/a bhathais air sin a ràdh rium ★★

bidh daor an ceannach agad air na thuirt thu ★★

cha leig thu leas sin a ràdh! ★★

cha robh e ag ràdh diurra-bhig

cha tuirt e dùrd

cha tuirt e guth ★★

cha tuirt e math no sath

cha tuirt e seadh no chan eadh

chan eil mi ri gabhail ri seo gun fiù facal a ràdh ★★

chan eil thu ag ràdh rium! ★★

chuala mi e ga ràdh ★★

chuir na thuirt i clisgeadh orm ★★

cùm cuimhne air na tha mi ag ràdh riut! ★★

ghabh e na thuirt mi san t-sròin

gus a ràdh ann am beagan fhacal ★★

gus a ràdh ann an dòigh eile ★★

is mòr a ghabhainn mus canainn càil sam bith mar sin

leig mi na thuirt e mu mo chluasan

leis an fhìrinn a ràdh, rachainn às mo rian a-muigh air an tuath ★★

mar as lugha a theirear mu dheidhinn is ann as fheàrr ★★

mar as lugha theirear 's ann as fheàrr

mun abradh tu 'seachd'

mun abradh tu “slige-chreachainn”

na abair ach beag agus abair gu math e

na abair diog!

na gabh idir na their am fear ud mar smior na fìrinn

nuair a thàinig a' chùis gu aon is gu dhà, cha tuirt i guth ★★

ris an abrar ★★

tha e nam cheann sin a ràdh ris

tha fiughair mhòr agam ris a' bhanais, feumaidh mi a ràdh ★★

tha rudeigin ri ràdh aige mun a h-uile rud ★★

thuirt e a leòr

thuirt e e ann an cagar a chluinneas a h-uile duine

thuirt e e ann an dòigh gun tug e tàir oirre

thuirt e gun robh e tuilleadh is trang airson bruidhinn ★★

thuirt e gun toireadh e mu thrì uairean a thìde ★★

thuirt e ri clàr m' aodainn e

thuirt e san dol seachad gum biodh tusa fada gun tighinn ★★

thuirt mi ris ann an clàr an aodainn ★★

thuirt mi rithe an clàr a h-aodainn ★★

àbhachdas

ball-àbhachdais

càil-àbhachdais

àbhachdas

nach eil càil-àbhachdais sam bith agad?

abhainn

a' coiseachd air bruach na h-aibhne

chuir iad le sruth na h-aibhne e

far an taine an abhainn 's ann as motha fuaim ★★

far an taine an abhainn, 's ann as motha a fuaim

thar na h-aibhne ★★

urchair an doill ris an abhainn

àbhaist

's àbhaist dhomh

a-mach às an àbhaist ★★

b' àbhaist dha eagal am beatha a chur air a' chlann-sgoile ★★

ciamar a tha sibh? tha mi nam àbhaist

cuideigin a-mach às an àbhaist ★★

dè is àbhaist dhuibh a bhith a' dèanamh air latha mar seo? ★★

is àbhaist dhomh ★★

mar as àbhaist ★★

mar as àbhaist dha

tha a h-uile rud mar as àbhaist fad na tìde ★★

abhras

abhras a thoinneamh

ablach

dèan ablach de

ach

ach a-mhàin

ach ged a bha

cha robh air ach

achmhasan

thoir achmhasan do chuideigin ★★

thug e achmhasan dhomh ★★

acras

's math an t-annlann an t-acras

air mo tholladh leis an acras ★★

tha 'n t-acras dham tholladh

tha 'n t-acras gam tholladh

tha an t-acras orm ★★

tha mi air mo tholladh leis an acras ★★

tha mi leis an acras ★★

tha mi tinn leis an acras

ad

ma thig an ad dhut, cleachd i

sin agad ite nad ad!

adag

's cho math sguab ri adaig dheth

adhar

a-mach às an adhar ★★

cha robh oiteag fhèin san adhar

cho gorm ris an adhar

imich an talamh agus an t-adhar

mar chlach às an adhar

adharc

adharc a' phailteis

bha mi air adharcan caisgeil

tha adharcan fada air a' chrodh ann am Barraigh

tha adharcan fada air a' chrodh ann an Èirinn

adhart

a' dol air adhart ★★

a' tighinn air adhart ★★

agus mar sin air adhart ★★

air ais is air adhart ★★

bàs a' chinn-adhairt

bidh an là a' fàs fada nas giorra bhon Dàmhair air adhart ★★

gabh dìreach air t' adhart

mar as fhaide a thèid e air adhart, is ann as miosa a tha e a' fàs ★★

nas fhaide air adhart anns an latha ★★

tha a h-uile càil a' dol air adhart glan fhèin ★★

tha mi a' dol air adhart cho math agus as urrainn dhomh ★★

thèid sinn air adhart leis ★★

thig air adhart ★★

adhartas

chan eil sinn a' dèanamh adhartais sam bith an seo ★★

tha sinn a' dèanamh adhartais ★★

adhbhar

a' sabaid gun adhbhar

air an adhbhar sin ★★

chan eil adhbhar gàire ann ★★

dìmeas gun adhbhar

gun adhbhar sam bith ★★

is e adhbhar caillte a tha ann ★★

nam biodh adhbhar air

nan robh adhbhar sam bith ris

tha adhbhar math aige ris ★★

tha i tro chèile agus chan ann gun adhbhar math ★★

adhbrann

sgoch i a h-adhbrann

agam

tha agam ri ★★

àgh

sonas is àgh ort

agh

cho reamhar mar agh

àgh

nach fhàg thu an coimpiutair aig an taigh, an ainm an àigh ★★

aghaidh

's ann ort a tha an aghaidh

a' breabadh an aghaidh nan dealg

abair aghaidh!

aghaidh a chur air an obair mu do choinneimh

aghaidh a chur air na siantan

aghaidh a thoirt air cuideigin ★★

aghaidh a thoirt gu dalma air rudeigin

air aghaidh na talmhainn ★★

air d' aghaidh cho luath 's a tha agad

air mo shon no nam aghaidh

an aghaidh

an aghaidh an fhionna

an aghaidh an ranna

an aghaidh do dheòin

an aghaidh do thoil

an aghaidh dùil

às an aghaidh

car an aghaidh cuir

chaidh an cur an aghaidh a chèile ★★

chan eil lagh an aghaidh na h-èiginn

chuir e aghaidh orm mu dheidhinn

cuir an aghaidh cuideigin ★★

feumaidh sinn aghaidh a chur air an dùbhlan ★★

rach an aghaidh nam peilearan

tha aghaidh a' choin duibh ort!

tha an t-eagal orm gu bheil a' chùis nad aghaidh ★★

tha e a' snàmh an aghaidh an t-srutha

tha e gu dubh na aghaidh ★★

tha i gu dubh na aghaidh ★★

tha mi gu dubh na aghaidh ★★

thèid iad nar n-aghaidh ★★

thoir aghaidh ri

thug e an aghaidh orm

àicheadh

chan eil àicheadh air

chan eil mi a' dol às àicheadh

aig

aige sin fhèin

àigh

taing don Àigh!

aighear

na theine-aighir

aighearach

cho aighearach ri smeòraich

aighearrach

's e òlach aighearrach a tha ann dheth

aigne

cho luath ri aigne

ailbhe

beò air an ailbhe

aileag

tha an aileag orm ★★

àilgheas

na dèan àilgheas air tìodhlac

àill

àill air n-àill

dè b' àillibh? ★★

aimhleas

's toil leis gu mòr aimhleas a dhèanamh

buannachd a thoirt à aimhleas cuideigin eile

aimhreit

aimhreit a thogail

dìreach gus aimhreit a thogail ★★

na dùisg aimhreit

na tarraing aimhreit ort fhèin

tha e a' toirt buannachd à aimhreit chàich

thog e aimhreit air fhèin

aimhreiteach

is e ceist aimhreiteach a tha ann ★★

aimlisg

tha e ann an aimlisg

aimsir

san aimsir chèin

àin

ri àin an latha

aindeoin

a dh'aindeoin 's na rinn e

a dh'aindeoin cò theireadh e

a dh'aindeoin dè dhèanadh e

a dh'aindeoin sin

a dh'aindeoin sin air fad

a dh'aindeoin teann a dhìchill

a dheòin no a dh'aindeoin ★★

ga aindeoin

aingealach

tha mo làmhan san aingealaich

aingidheachd

sloc na h-aingidheachd

ainm

's e Seònaid an t-ainm a tha orm ★★

ainm Dhè a thoirt ann an dìomhanas ★★

an ainm an àigh! ★★

an ainm Nì Math! ★★

an t-ainm gun an tairbhe

c' ainm a th'ort?

Cainmeag

Cainmean

dè an t-ainm a tha ort? ★★

dè an t-ainm-cinnidh a tha ort? ★★

fhuair e an t-ainm sin ★★

leig leam an ainm Nì Math

leis an ainm

nach fhàg thu an coimpiutair aig an taigh, an ainm an àigh ★★

tha an t-ainm aige ri ruith air mo theangaidh

ainmich

ghabh i san t-sròin e nuair nach deach a h-ainmeachadh ★★

mar a dh'ainmich mi gu h-àrd

ainneamh

uair ainneamh a bhios mi a' dol ann

uair ainneamh a cheannaicheas mi iris na làithean seo ★★

ainsgean

thug e ainsgean air

air

air cho math 's gu bheil iad

is e Iain a tha air ★★

air sàilleibh

chaidh a fastadh air sàilleibh a cuid uidheamachaidh ★★

airc

ann an airc ★★

nì airc innleachd

tha e ann an airc ★★

àird

air àird a' chuain ★★

anns gach àird

cridhe na h-àirde deas

cuir àird air

tha anail aige an àird a chlèibh

àirde

aig àirde do chlaiginn ★★

air àirde a' chuain

anns na h-àirdibh

cuir an àirde

sheas e an-àirde na steòc

aire

aire a thoirt far rudeigin

an aire air do cheann ★★

an aire dhut fhèin! ★★

an aire dhut! ★★

an aire nach bris thu e

an aire ort fhèin ★★

an tug iad an aire dhut idir? ★★

cha tug e an aire dhomh ★★

gabh an aire! ★★

ghlac e m' aire ★★

gun aire do dhuine sam bith

thoir an aire ★★

thoir an aire bhuaithe, 's e duine aithghearr a th' ann

thoir an aire dhut fhèin! ★★

thoir an aire do do ghnothaichean fhèin

thoir an aire do rudeigin ★★

thoir an aire! ★★

àireamh

àireamh a ceithir ★★

àireamh a còig ★★

àireamh a deich ★★

àireamh a dhà ★★

àireamh a h-aon ★★

àireamh a h-ochd ★★

àireamh a naoi ★★

àireamh a seachd ★★

àireamh a sia ★★

àireamh a trì ★★

às an àireamh

cuir an àireamh nan naomh

airgead

's e call mòr airgid a tha ann ★★

's e gaol an airgid freumh gach uilc

's e sgeir-airgid a th' ann

's e sgeir-airgid a th' annad!

airgead a thoirt air falbh air èiginn

airgead air a dhol leis an t-sruth ★★

an tug thu airgead-buidheachais don neach-fhrithealaidh? ★★

bha suim shnog airgid air a cur mu seach aige nuair a chaidh e air chluainidh ★★

bidh iad a' cosg tòrr airgid air aodach ★★

cha sgar e ris air òr no air airgead

chosg mi cus airgid anns an taigh-sheinnse a-raoir ★★

tha airgead gun chrìoch aice ★★

tha airgead gun chrìoch aige ★★

tha e cho dìonach ri botal leis an airgead aige

tha e na sgeir-airgid

tha iad a' dèanamh airgid mar na sligean

tha iad gu dona dheth a thaobh airgid ★★

airidh

's olc an airidh dha!

's olc an airidh e

b' olc an airidh gun tachradh dochann dhut

bu mhath an airidh e ★★

fhuair e na robh e airidh air

fhuair i an rud air an robh i airidh ★★

is math an airidh dhaibh ★★

is math an airidh dhut

is math an airidh dhut e ★★

is math an airidh thu!

moladh dhan duine a tha airidh air! ★★

tha an saothraiche airidh air a dhuais

tha e airidh air a thuarastal

airleag

an airleig

àirneis

àirneis a chur an àiteigin

airson

a bheil thu airson pòsadh? Chan eil na pòsadh! ★★

ag ullachadh airson an turais ★★

airson an uair mu dheireadh

airson na rinn thu dhomh ★★

bidh sinn a' coinneachadh ri chèile airson lòin gu tric ★★

cha mòran ri fhaotainn agam airson mo shaothrach gu lèir ★★

cha robh gu leòr ann airson a h-uile duine ★★

ais

's e ceum mòr air ais a tha ann dhuinn

air ais is air adhart ★★

bha mi sa Chuimrigh dà là air ais ★★

bha sinn air na làithean-saora faisg air Dùn Deagh fad ceala-deug dà bhliadhna air ais ★★

bu mhath leam gu mòr dol air ais a Phatagonia an ath bhliadhna ★★

chaidh a bualadh air ais ★★

chan eil mi an dùil gum bi e air ais gus an Lùnastal ★★

chùm e air ais mi

dhealaich sinn trì bliadhna air ais ★★

dol air ais air do chuid obrach

fada air ais

leig e an dreuchd aige dheth bliadhna no dhà air ais ★★

nì mi e cho luath 's a thig mi air ais ★★

tha i an dèidh gluasad air ais gu Drochaid an Aonachain ★★

thàinig air dol air ais air a chòmhradh ★★

thig air d' ais! ★★

aiseag

am fear a bhios fad' aig an aiseag, gheibh e thairis uaireigin

fhuair e aiseag na slàinte

thàinig aiseag na slàinte air

thar an aiseig

aisg

bha sinn air na làithean-saora faisg air Dùn Deagh fad ceala-deug dà bhliadhna air ais ★★

tha e air an aisg

aisling

aisling chaillich mar a dùrachd

bha aisling agam

ait

is ait leam a chluinntinn

àite

's fheàrr dhuinn dèanamh às an àite seo! ★★

a bheil an t-àite sin fad' às? ★★

a' fàgail àite do dhùthchais

air feadh an àite ★★

àite-còmhnaidh seasmhach

an àit' air choreigin

an duine leis a bheil an t-àite

an t-àite far an deach mo thogail ★★

anns a h-uile h-àite ★★

anns an àite-thoisich

bha an t-àite a' cur thairis le daoine ★★

bha mi gu math toilichte nuair a thàinig an ùine agam anns an àite sin gu crìch ★★

bidh na h-uain air feadh an àite san Ògmhios ★★

bu toil leam an t-àite fhaicinn ★★

cha ghabh earbsa a chur ann an duine sam bith anns an àite seo ★★

cha robh an t-àite-fuirich ach mu làimh ★★

chaidh an t-àite aige innse dha

chan eil an t-àite a' tighinn orm

chan eil lorg no làrach air an àite

chuir sin na h-àite i ★★

chuir sin nan àite iad ★★

ciamar a bha an t-àite-fuirich agaibh ann an Geàrrloch? ★★

cuideigin a bhuineas dhan àite ★★

cuiridh sin nad àite thu

is caomh leam an t-àite seo ★★

is iomadh àite-cuingeil san robh e

is toil leam an t-àite seo gu mòr ★★

mu thuaiream an aon àite

tha am biadh anns an àite seo dìreach glan ★★

tha an t-àite a' cur thairis leotha

tha an t-àite na ùpraid ★★

tha an t-àite seo a' freagairt air an turasachd ★★

tha an t-àite seo gu math sàmhach ★★

tha an t-àite seo na bhùrach ★★

tha goireasan math dha-rìribh anns an àite seo ★★

tha mi a' cluinntinn gu bheil an t-àite sin snog ★★

tha mi ag iarraidh àite far am faod a' chlann cluich ★★

tha na h-òraidichean anns an àite seo math fhèin, nach eil? ★★

tha thu san àite cheart

tha thu san àite cheart air a shon! ★★

aiteal

fhuair mi aiteal dheth

aithghearr

a dh'aithghearr ★★

bidh mi ann a dh'aithghearr ★★

chì mi a dh'aithghearr thu ★★

cuiridh mi sgairt ort a dh'aithghearr ★★

tha e aithghearr air rudan a thogail ★★

aithghearrachd

ann an aithghearrachd ★★

aithlis

dèan aithlis air cuideigin

aithne

aithne gun chuimhne ★★

an aithne dhut an rathad? ★★

fad 's as aithne dhomh ★★

tha aithne gun chuimhne agam air ★★

tha aithne gun chuimhne agam oirbh ★★

aithnich

cha b' aithne dha clach seach càbag

chan aithnich mi idir e ★★

mar as fheàrr a dh'aithnichear e

tha e an doirbh an aithneachadh aon seach aon ★★

aithreach

is aithreach leis

aithreachas

aithreachas a ghabhail mu dheidhinn

ceann goirt is aithreachas

cha dèan aithreachas mall bonn feuma

chan eil aithreachas sam bith orm ★★

is dòcha gun gabh thu an t-aithreachas mu dheidhinn fhathast

tha mi a' gabhail an aithreachais ★★

tha mi a' gabhail an aithreachais ris

aithris

a rèir aithris ★★

chaidh an aithris aice thar na còrach gu tur ★★

àlainn

b' àlainn do ghnùis nam b' iùlmhor do bheus

tha guth àlainn fhèin aice

Alba

a' siubhal na h-Alba ★★

nan siùbhladh tu Alba bhon dàrna ceann gus an ceann eile

nuair a bha Alba na h-Albainn

rugadh mi ann an Alba ★★

Albannach

Albannach gu smior

an e Albannach a tha annad? ★★

thà dà thaobh air an Albannach

alla

alla a ghabhail de rudeigin

allaidh

bha e cho borb ri madadh-allaidh

alt

air a h-uile h-alt

an altaibh a chèile

rudan a chur an altaibh a chèile ★★

tha alt aige air

tha alt aige air a h-uile càil

altachadh

fhuair e rud nach robh san altachadh

gabh altachadh a bheatha

altaich

ag altachadh nan geug

dh'altaich iad beatha a chèile

na geugan agad altachadh

àm

aig amannan sònraichte ★★

aig amannan, bidh i a' dol na boil ★★

aig an àm seo ★★

aig an aon àm ★★

aig aon àm de mo bheatha ★★

aig aon àm na mo bheatha ★★

àm na curachd

àm na h-èiginn ★★

àm nan làithean-saora ★★

àm sam bith a thogras tu

an àm feuma

an t-àm a dh'aom ★★

an t-am seo an ath bhliadhna

an t-àm seo an-uiridh

an t-àm seo bhliadhna ★★

ann an àm feuma ★★

anns an àm ri teachd gun dàil

bho àm gu àm ★★

bho àm nan cian

bi gaisgeil ri àm cruadail

chan e àm dàlach a th' ann

fada san àm air thoiseach

is math nach robh mo laochan timcheall aig an àm ★★

mar a bhios an t-àm a' dol seachad (air sgiathan na gaoithe)

mu àm na Nollaige ★★

mun àm seo ★★

mun àm seo an-dè ★★

mun àm seo an-uiridh ★★

san àm a dh'aom ★★

san àm a dh'fhalbh ★★

san àm fad' air thoiseach

san eadar-ama

tha 'n t-àm ann ★★

tha an t-àm agad cùl na còmhla thoirt dha ★★

tha an t-àm againn falbh ★★

tha an t-àm ann a bhith ga dhèanamh ★★

tha an t-àm ann èirigh

tha Dùn Èideann a' cur thairis aig àm na fèise ann ★★

tha film air BBC Alba aig an àm seo mar as trice ★★

timcheall air an àm sin ★★

am

aig amannan ★★

amadan

amadain a' gabhail a-steach far an stadadh an duine glic

an òinseach a' càineadh an amadain

dèan amadan de

le spionnadh an amadain

rinn e amadan dhìom ★★

rinn i amadan dheth ★★

amaideas

a leithid de dh'amaideas!

amail

cuir amail air

amais

is math a dh'amais thu!

amalaich

do theanga amalachadh ann an gnothaichean dhaoine eile

amar

a' dol dhan amar-shnàimh ★★

amen

chan eil ann ach an t-amen

amhach

ann an amhaichean a chèile

bidh e a' seasamh nam amhaich ★★

ge b' oil le m' amhaich

ge b' oil led amhaich ★★

grèim amhaich a thoirt air cuideigin

sheas na faclan nam amhaich

amhail

air an amhail cheudna

amhairc

am fear nach amhairc roimhe, amhaircidh e na dhèidh ★★

dh'amharc e orm le nimh

amharas

tha amharas aice ★★

amharc

dh'amharc e gu geur orm ann an clàr an aodainn

san amharc ★★

amharcach

bha sin amharcach bhuat

àmhghar

tha e ann an àmhghar

an seo

a bheil thu a' tighinn an seo gu tric? ★★

tha an lòn an-còmhnaidh snog an seo ★★

tha mi gu math toilichte an seo ★★

tha rudan gu math sàmhach an seo ★★

an-àirde

thig rud air choreigin an-àirde

an-asgaidh

chan eil port an-asgaidh ann

an-dè

an deach thu dhan bhall-choise an-dè? ★★

b' fheàrr sealltainn air sin an-dè na gu lèir an-diugh

cha b' ann an-diugh no an-dè a rugadh mise ★★

an-diugh

air sgeul an-diugh is air falbh a-màireach

an latha a th' ann an-diugh

an-diugh fhèin a thàinig mi

b' fheàrr sealltainn air sin an-dè na gu lèir an-diugh

cha b' ann an-diugh no an-dè a rugadh mise ★★

cha robh còir agad a bhith ag obair an-diugh idir idir ann ★★

chan eil mi a' faireachdainn ach meadhanach an-diugh ★★

meal do naidheachd an-diugh! ★★

reothairt an-diugh is conntraigh a-màireach

san latha a th' ann an-diugh ★★

san latha a tha ann an-diugh, rachadh duine ann no às

tha i làn spionnaidh an-diugh

tha i rud beag fuar an-diugh ★★

tha i snog an-diugh ★★

tha mi car cugallach air na casan an-diugh ★★

tha na casan car cugallach fodham an-diugh

an-dràsta

an dèan sinn sin an-dràsta fhèin? ★★

an-dràsta

an-dràsta 's a-rithist ★★

an-dràsta fhèin ★★

an-dràsta no a-rithist

anns an t-suidheachadh a tha againn an-dràsta ★★

bidh mi a' cluich tennis leatha an-dràsta 's a-rithist ★★

bidh mi a' leughadh an Albannaich an-dràsta 's a-rithist ★★

dè tha sibh a' cur ris an-dràsta? ★★

dìreach an-dràsta

mar a tha cùisean an-dràsta ★★

tha a' chlann air na làithean-saora an-dràsta ★★

tha an cnatan air tòrr dhaoine an-dràsta ★★

tha an duine agam air falbh an-dràsta ★★

tha cor math dha-rìribh air an-dràsta ★★

tha cus strì na mo bheatha an-dràsta ★★

tha e air an leabaidh air a dhruim-dìreach an-dràsta ★★

tha e far na dibhe an-dràsta ★★

tha fèill mhòr air an-dràsta

tha iad a' fuireach ann am Port Rìgh an-dràsta ★★

tha mi a' dol fodha le obair an-dràsta

tha mi a' fuireach nam aonar ann am meadhan a' bhaile-mhòir an-dràsta ★★

tha mi a' lorg obrach an-dràsta ★★

tha mi aig an taigh an-dràsta ★★

tha mi an sàs ann an tòrr rudan an-dràsta ★★

tha sinn cianail fhèin trang an-dràsta ★★

tha sinn garbh fhèin dripeil an-dràsta

an-earar

cha tèid agam air a bhith ann a-màireach ach bidh mi ann an-earar ★★

an-uiridh

an t-àm seo an-uiridh

an-uiridh

chuir mi seachad ceala-deug ann am Patagonia an-uiridh ★★

dh'eug m' athair an-uiridh ★★

anabarrach

anabarrach fhèin math

anail

bha anail na uchd ★★

bha h-anail na h-uchd

bha m' anail nam uchd nuair a ràinig mi mullach na beinne ★★

bha m' anail rim uchd ★★

cha robh anail bheò ann

cha robh anail sam bith agam

gabh anail ★★

gabh t' anail ★★

leig anail ★★

t' anail a leigeil ★★

tha a h-anail na h-uchd

tha anail aige an àird a chlèibh

tha anail na uchd ★★

tha m' anail nam uchd ★★

thug an sealladh m' anail air falbh ★★

anam

air m' anam! ★★

bha a dh'anam/a bhathais air sin a ràdh rium ★★

cha mhòr gu bheil càil ann ach an t-anam

cha robh anam beò ri fhaicinn

cha robh anam/duine beò ann

cha tug e an t-anam às

chan eil anam beò san rathad a-nis!

fois Dhè dha anam

m' anam is m' aodach ort!

na biodh a dh'anam ort!

anmoch

's fheàrr cur anmoch na gun chur idir

's fheàrr èirigh anmoch na bhith gun èirigh idir

's fheàrr piseach anmoch na a bhith gun phiseach idir ★★

's fheàrr piseach anmoch na bhith gun phiseach idir ★★

a' fàs anmoch ★★

bidh mi a' dol a chadal aig aon uair deug air a' char as anmoiche ★★

bidh mise anmoch a' tighinn dhachaigh a-màireach ★★

go h-anmoch ★★

tha e a' fàs anmoch ★★

tha e rud beag anmoch san latha gus d' inntinn atharrachadh ★★

thug i a dhìol is a dhonas dha nuair a thàinig e dhachaigh anmoch ★★

ann

mas ann mar sin a tha e ★★

annas

's e annas a th' ann ★★

's e annas mòr a th' ann

chaidh an t-annas mòr a chur air

annlann

's math an t-annlann an t-acras

anntlachd

an anntlachd a chumail thall

ànradh

guma h-ànradh dha!

guma h-ànradh dhut!

tha e a' ruith air ànradh

aodach

bidh iad a' cosg tòrr airgid air aodach ★★

cha robh stiall aodaich air ★★

chaidh an t-aodach a-steach

chan eil stiall aodaich air

fo aodach

leig e dheth an t-aodach aige

m' anam is m' aodach ort!

saoilidh mi gum bi agam ri aodach ùr a cheannach airson na bainnse ★★

aodann

aodann a' chuain

às an aodann

bha de dh'aodann agam an leabhar agad a ghabhail air iasad ★★

bheir sin am fiamh-gàire bhon aodann aige ★★

sheall mi air ann an clàr an aodainn ★★

thug e sgleog anns an aodann orm ★★

thug e slaic anns an aodann orm ★★

thug mi dha an clàr an aodainn e

thuirt e ri clàr m' aodainn e

thuirt mi ris ann an clàr an aodainn ★★

thuirt mi rithe an clàr a h-aodainn ★★

aog

bha mi gus a dhol aog leis an acras

tha dath an aoig air

aoibhneas

ann am breisleach aoibhneis

aoir

an òinseach ag aoir an amadain

aois

aig an aois aig a bheil mise ★★

aois a' gheallaidh

cha do laigh an aois ort

dè an aois a tha thu? ★★

eadar an dà aois

tha an aois a' laighe air

tha an aois a' tighinn air ★★

tha e aon bhliadhna dh'aois ★★

tha e ceithir bliadhna dh'aois ★★

tha e còig bliadhna dh'aois ★★

tha e dà bhliadhna dh'aois ★★

tha e deich bliadhna dh'aois ★★

tha e naoi bliadhna dh'aois ★★

tha e ochd bliadhna dh'aois ★★

tha e seachd bliadhna dh'aois ★★

tha e sia bliadhna dh'aois ★★

tha e trì bliadhna dh'aois ★★

thig gu aois ★★

aom

an t-àm a dh'aom ★★

aom do chluas rium

aomaibh na cluasan agaibh rium

dh'aom i leis

san àm a dh'aom ★★

sna làithean a dh'aom

aon

's ann às an aon cheàrnaidh a tha iad ★★

's ann às an aon nead a tha iad a' tighinn

's e an aon rud a th' ann ★★

's e fhèin an t-aon duine

a dh'aon bhàgh

a dh'aon bheum

a dh'aon fhacal

a dh'aon ghnothach ★★

a dh'aon obair

a h-aon deug ★★

a lìon aon is aon

aig an aon àm ★★

air an aon rèir ri

àireamh a h-aon ★★

anns an aon dòigh ★★

aon is aon

aon mu seach

aon turas an comhair na bliadhna

cha robh ann ach aon duine ★★

chan eil agad ach an aon duan ★★

chan eil aige ach an aon duan ★★

cuideigin a chur air an t-seachran a dh'aon ghnothach ★★

fàs na h-aon oidhche

le aon inntinn

nuair a thàinig a' chùis gu aon is gu dhà, cha tuirt i guth ★★

nuair a thàinig a' chùis gu aona cheann ★★

nuair a thàinig e gu aon is gu dhà ★★

nuair a thig e gu aon is gu dhà ★★

o chionn aon fhichead bliadhna

tha e an doirbh an aithneachadh aon seach aon ★★

tha e anns an aon suidheachadh rium fhèin ★★

tha e aon bhliadhna dh'aois ★★

tha e aon uair deug ★★

tha mise an sàs anns an aon obair ★★

thàinig e a dh'aona ghnothach ★★

thàinig sinn gu aon is gu dhà ★★

aonais

às aonais ★★

bidh agad ri dèanamh às aonais

tha mo leòr agam às aonais

aonar

an robh i na h-aonar aig a' chèilidh? ★★

nad aonar ★★

tha mi a' fuireach nam aonar ann am meadhan a' bhaile-mhòir an-dràsta ★★

aonaranach

tha mi caran aonaranach ★★

aonta

cuir aonta ri ★★

tha mi a' toirt aonta do na tha thu ag ràdh

aosta

cho aosta ris na bruthaichean

eadar òg agus aosta

fàs aosta

aotrom

's e duine aotrom a th' ann dheth

cho aotrom ri ceum na h-òige

cho aotrom ri frois-cluarain

cho aotrom ri ite

cho aotrom ri iteag

cho aotrom ri oiteag nam beann

is e lìonmhorachd nan làmh a dh'fhàgas obair aotrom

tha e cho aotrom ri iteag

àrach

chan eil àrach agam ort

àraich

na bi ag àrach ormsa!

aran

aran is lite a chumail ris an teaghlach ★★

cho daor ris an aran mhilis ★★

cò aca as fheàrr leat, aran geal no aran ruadh? ★★

cumaidh e aran is lite riutha fad a' gheamhraidh

cumaidh sin aran is lite riut

is fheàrr aran gun ìm na a bhith gun aran idir

tha a chuid arain fuinte

tha mi a' feuchainn ri aran a chumail rium fhìn ★★

àrd

a' bhò as miosa a tha sa bhuaile, is i as àirde geum

an rathad àrd ★★

cho àrd ri sròn nan uaislean

cò an tè àrd a tha thall an sin? ★★

mar a dh'ainmich mi gu h-àrd

tha e àrd is ìseal mu seach

tha e pailt cho àrd riut

tha reothart gu math àrd ann sa Mhàrt ★★

àrdan

tha àrdan a' tighinn air

às

dèanamh às ★★

ascaoin

caoin air ascaoin

astar

's e astar fada a tha ann ★★

aig astar goirid ★★

barrachd astair a chur ort

bha iad a' falbh aig astar beothail ★★

fad' air astar ★★

mu mhìle gu leth a dh'astar bhuam

tha iad a' dol aig astar math

tha iad astar math bho chèile ★★

at

leigeil air at

àth

àth na sùla

ath bhliadhna

an ath bhliadhna

an t-am seo an ath bhliadhna

athainn

cuir athainn air

athair

bu dual dha sin bho athair

dèanamaid roinn mhic is athar air ★★

dh'eug m' athair an-uiridh ★★

mac mar an t-athair

athais

a' chiad athais a bhios orm

atharrach

chan eil atharrach air

atharrachadh

's ùrachadh atharrachadh

atharrachadh-nan-gràs ★★

thàinig an t-atharrachadh gu math riut

atharraich

dh'atharraich e port

tha e rud beag anmoch san latha gus d' inntinn atharrachadh ★★

bac

bac na thùs e

cha bhac sìon e

bacadh

bacadh a chur air cuideigin ★★

cuir bacadh air

bacag

cas-bhacaig a chur air cuideigin

bacan

air na bacain

bachlag

a falt na bachlagan aice

bad

am badeigin ★★

am badeigin air cùl an t-seanchais

am badeigin timcheall oirnn ★★

ann am badaibh a chèile

anns a' bhad ★★

chaidh iad am badaibh a chèile

chan urrainn dhomh a dhèanamh dìreach anns a' bhad! ★★

ghabh sinn gràin air a chèile sa bhad ★★

sa bhad ★★

thig dhachaigh sa bhad

badhbh

eadar a' bhadhbh 's a' bhuarach

bagair

bha na speuran a' bagairt uisge

tha e a' bagairt air an uisge

bàgh

a dh'aon bhàgh

bàidh

bàidh a dhèanamh do chuideigin

bàigh

grèim an fhir bhàthte air a' mhaide as caoile

baile

a dh'ionnsaigh a' bhaile-mhòir ★★

aig baile

air oir a' bhaile-mhòir

an taobh a-muigh a' bhaile ★★

an toil leat am baile-mòr? ★★

ann am meadhan a' bhaile ★★

cha robh mi ag iarraidh baile mo dhùthchais fhàgail ★★

choinnich mi riutha am meadhan a' bhaile Diardaoin ★★

cuir cuideigin ri tìde a' bhaile

dèan breacan à baile

meadhan a' bhaile-mhòir ★★

ri taobh baile-mòr Bhaile Àtha Cliath ★★

ri tìde a' bhaile

tha an taigh agam ann an iomall a' bhaile-mhòir ★★

tha e am beul a' bhaile

tha i na làn beòil aig a' bhaile

thoir am baile a-muigh ort!

thoir am baile ort!

Baile Àtha Cliath

's ann à Baile Àtha Cliath a tha mi ★★

baile-mòr

air iomall a' bhaile-mhòir

bàinidh

air bhàinidh

bàinidh

chaidh an cù air bhàinidh

bainndean

guirean air tòin bainndein

bainne

tha e ag iarraidh a' bhò a reic agus a bainne òl

tha i ag iarraidh a' bhò a reic agus a bainne òl

tha mi cho blàth ri bainne an tac an teine

bàirneach

cha tusa an aon bhàirneach a tha air creig

cho teann ri bàirneach air sgeir

bàith

bog bàthte

balach

a bhalaich ort! ★★

bidh balaich nam balaich

cha ghabh ceann bodaich cur air balach

shin thu fhèin, a bhalaich! ★★

balbh

chaidh m' fhàgail bog balbh

balbhadh

bha e na bhalbhadh dhuinn

balgair

's e balgair beag grànda a tha ann!

cùm air falbh on bhalgair ud! ★★

balgan

cho maol ri balgan-buachrach

ball

air ball

ball-àbhachdais

ball-coise

an deach thu dhan bhall-choise an-dè? ★★

bidh mi a' cluich ball-coise gu tric ★★

cluicheamaid ball-coise ★★

balla

chuir sin ri balla mi

ballachdair

rinn iad ballachdair dheth

ballan

thionndaidh e am ballan beul fodha

bàn

cho bàn ris an liadhaig

banais

tha fiughair mhòr agam ris a' bhanais, feumaidh mi a ràdh ★★

banais

saoilidh mi gum bi agam ri aodach ùr a cheannach airson na bainnse ★★

bannag

Oidhche nam Bannag

barail

a rèir mo bharail ★★

cho fada ri mo bharail

dè do bharail mu dheidhinn? ★★

dè do bharail orra?

dè do bharail? ★★

fada na bharail

na mo bharail ★★

tha i ceart na mo bharail ★★

tha thu faoin nad bharail

thoir barail

bàrd

's bàrd den chiad ìre a tha ann ★★

cho fileanta ri bàrd

bàrdachd

tha bliadhnaichean ann nach robh mi bàrdachd ★★

tha làmh aige sa bhàrdachd ★★

bàrr

bha mi aig bàrr mo chèille le iomagain

bho bhun gu bàrr ★★

brod a' bharra

bun agus bàrr na cùise

cha dèan mi bun no bàrr dheth ★★

cha ghabh bàrr toirt air

chan eil bun no bàrr aige ★★

chan urrainn dhomh bun no bàrr a dhèanamh dheth ★★

tha sin a' toirt bàrr air na chunnaic mi riamh

tha sin a' toirt bàrr air na chunnaic mi riamh!

tha sinn a' toirt bàrr air na chunnaic mi riamh!

thàinig e gu bàrr mo theangaidh a ràdh ris

thoir bàrr-urraim air ★★

tighinn gu bàrr

barra

chaidh fhàgail air na barrachan

barrachd

a bharrachd air ★★

a bharrachd air sin ★★

a bharrachd/a bharras ★★

agus a bharrachd air sin ★★

agus mòran a bharrachd air sin ★★

barrachd astair a chur ort

bhuannaich e barrachd na chaill e ★★

chuir i barrachd eòlais oirre ★★

tha fada bharrachd ùine agam a-nis gus rudan a dhèanamh ★★

tha gu leòr is barrachd aige

thachair barrachd is a sheise ris

bàs

's e buaidh no bàs a th' ann ★★

bàs

gu latha mo bhàis

is e strì gu bàs a tha ann ★★

mo mhionnan air a' bhàs! ★★

ri bàs

ri ospagan a' bhàis

ri uchd a' bhàis ★★

ri uchd bàis

sabaid gu bàs ★★

tha am bàs air Calum

tha an truaghan a' dol bàs

tha e a' cur ris a' bhàs

tha e a' dol bàs

tha e a' gleac ris a' bhàs

tha e air leabaidh a bhàis

tha e an grèim a' bhàis

tha e an uchd a bhàis ★★

tha e ceum bhon bhàs

tha e ri uchd a bhàis ★★

tha e ri uchd a' bhàis

tha iad a' dol bàs ★★

tha miann bàis agam fheuchainn

thàinig tuar a' bhàis air ★★

bas

bonnach air bhois, cha bhruich e is cha loisg

cas no bas ★★

bás

gu deimhinne! ★★

bàsaich

theab mi bàsachadh ★★

bàta

a chall a' bhàta a lorg saoireid

bàta agus seòl slàn rithe

bha am bàta a' ruith ron ghaoith thar nan tonn

chaidh am bàta thairis orra

tha dà thaobh air a' bhàta ★★

bàth

bha mi an impis a bhith air a bàthadh

dìle-bhàthte ★★

bàth

tha e na dìle-bhàthte ★★

theab mi bàthadh ★★

bàthach

cho leathann ri ceann na bàthcha

bathaich

bidh a gam bhathachadh gu cùl an dà chluais

bathais

's ann air a tha a' bhathais

bha a dh'anam/a bhathais air sin a ràdh rium ★★

bho bhonn gu bathais ★★

cuir craiceann a' bhuinn air do bhathais

na biodh a bhathais ort!

nach ann ort a tha a' bhathais! ★★

beachd

am beachd ★★

am beachd dol dhachaigh ★★

an dèidh beachd a ghabhail air a' chùis ann am mionaideachd

às a bheachd

às do bheachd

beachd a chur ann an suarachas ★★

beachd a ghabhail air rudeigin

beachd a nochdadh mu rudeigin ★★

beachd math

cha robh mi am beachd air

cha toir dithis an aon bharail seachad

chan eil e am beachd a dhèanamh idir ★★

cùm do bheachd agad fhèin

dè do bheachd air an deise seo? ★★

dè do bheachd? ★★

dè tha thu am beachd ceannach? ★★

den aon bheachd ★★

den bheachd ★★

den bheachd gu

dh'fhàg e a bheachd

feumaidh mi beachd a ghabhail air ★★

fhuair mi beachd dheth

gabh beachd air ★★

gabhaidh mi beachd air ★★

is fhiach beachd a ghabhail air ★★

mas math mo bheachd

na mo bheachd ★★

o bheachd

tha car de bheachd agam mu dheidhinn ★★

tha e a rèir do bheachd ★★

tha e am beachd a dhèanamh

tha e fada na bheachd

tha e mòr na bheachd

tha mi den bheachd ★★

tha mi eadar dà bheachd ★★

tha mi thar mo bheachd

tha mise den aon bheachd ★★

thàinig an smuain thugam

thar mo bheachd

beachdail

nach e do thùr a tha beachdail!

beag

's beag m' fhios ★★

's beag nach dèanadh e gus an ceann-crìche aige a thoirt gu buil ★★

's beag orm an obair seo ★★

's beag orm e ★★

's beag orm nuair a thachras sin ★★

's e balgair beag grànda a tha ann!

's e sin an rud as lugha dragh dhaibh ★★

's e sin an rud as lugha dragh dhomh ★★

a bheag no a mhòr

a' chuid as lugha dheth

aig a' char as lugha ★★

aig a' char as lugha dheth ★★

air bheag

air bheag bithe

an fheadhainn bheaga

an toireadh tu sùil bheag air seo mas e do thoil e? ★★

ann an uairean beaga na maidne

ba bheag a bha mi 'n dùil gu

ba bheag m' fhios air

beag air bheag ★★

beag is beag ★★

bha e uile gu beag stà

bu bheag orm sin a dhèanamh

car beag 's a' chòir

chan eil a bheag agam mu dheidhinn

chan eil a bheag ri chall agam

chan eil eagal air cho beag orm ★★

cho beag ri dreathaan-donn

cho pailt ri clachan beaga maola air an tràigh

còmhradh beag a dhèanamh

dèan còmhradh beag

dh'fhàs mi cleachdte ris beag is beag ★★

gu ìre bhig ★★

is beag a bheireadh orm sin a dhèanamh

is beag an saoghal!

is beag m' fhios

is beag orm e ★★

is e saoghal beag a tha ann ★★

is fheàrr iasg beag na bhith gun iasg idir

mar as lugha a theirear mu dheidhinn is ann as fheàrr ★★

mar as lugha is ann as fheàrr ★★

mar as lugha theirear 's ann as fheàrr

na abair ach beag agus abair gu math e

nach e an saoghal a tha beag!

tha e gu beag feum dhomh

tha i rud beag fuar an-diugh ★★

tha mi rud beag bodhar ★★

thèid sinn a-steach dhan taigh-sheinnse is gabhaidh sin tè-bheag ★★

togar càrn mòr de chlachan beaga

ùine bheag bhon taigh

beagan

a lìon beagan is beagan

ann am beagan fhaclan

biodh beagan toinisg agad

biodh beagan toinisge agad ★★

gus a ràdh ann am beagan fhacal ★★

mas math an ceòl feadalaich, fòghnaidh beagan dhith ★★

o chionn beagan bhliadhnaichean

o chionn beagan ùine ★★

tha beagan de Ghàidhlig na h-Èireann agam ★★

beairteach

tha e cho beairteach ri spìocaire

bealach

am bealach-goirid a ghabhail

gabh bealach

Bealltainn

tha là-fèille ann timcheall air Là Bealltainn ★★

bean

cha chuir bean an taighe ghlic a h-uighean uile fon aon chearc

chan fhuirich am muir ri uallach is cha dèan bean luath maorach

ciamar a tha a' bhean agaibh? ★★

cìoch nam ban marbha

duine fo spòig a mhnà

is bean-taighe an luchag na taigh fhèin

beannachd

beannachd Dhè ort

beannachd Dhè thugad

beannachd fhàgail aig cuideigin ★★

beannachd leibh ★★

cha lìon beannachd brù

leis na beannachdan ★★

beannaich

a chiall beannaich mise!

Dhia beannaich oirnn!

Dia gad bheannachadh ★★

Dia gad bheannachadh! ★★

Dia gar beannachadh is gar sàbhaladh!

Dia gar beannachadh!

mus canadh tu 'beannaich mi'

nach e fhèin a tha cho beannaichte! ★★

beannaichte

a chruitheachd bheannaichte!

bearradh

tha e an crochadh air bearradh cugallach

beart

a' bheart as fheàrr a dhèanamh de rudeigin

anns a' bheart ★★

beatha

's ann air èiginn a thug e a bheatha às

's e do bheatha! ★★

a-mach gun tug e aig peilear a bheatha ★★

a' falbh aig peilear do bheatha

a' ruith aig peilear (dearg) a bheatha ★★

aig aon àm de mo bheatha ★★

aig aon àm na mo bheatha ★★

aig peilear do bheatha ★★

air do bheatha ★★

air do bheatha na innis dha! ★★

ann an cunnart do bheatha

b' àbhaist dha eagal am beatha a chur air a' chlann-sgoile ★★

beatha coin

bha cabhag mo bheatha orm

bha ceannach a bheatha aige air

bha eagal mo bheatha orm ★★

bheir e a bheatha às ★★

cha chuala mi a leithid riamh na mo bheatha ★★

chaidh e seachad oirnn aig peilear a bheatha ★★

chan eil a' bheatha ach geàrr

chan eil mi ag iarraidh a bhith a' sealltainn thar mo ghuailne an còrr de mo bheatha ★★

chan fhiach domh mo bheatha ★★

chuir e a bheatha an cunnart air mo sgàth ★★

dh'altaich iad beatha a chèile

do bheatha a thoirt à blàr

do bheatha dhan dùthaich ★★

fad mo bheatha ★★

falbh aig peilear do bheatha

far a bheil beatha tha dòchas

fhuair e às le bheatha

fhuair e eagal a bheatha ★★

gabh altachadh a bheatha

is e làn dì do bheatha! ★★

nach ann aige a tha a' bheatha thruagh!

ruith mi aig peilear mo bheatha ★★

tàrr às le do bheatha

tha cus strì na mo bheatha an-dràsta ★★

tha do bheatha an urra riut fhèin

tha mo bheatha an geall nas fhiach i

thàinig e ri a bheatha fhèin

thug e às aig peilear a bheatha ★★

thug iad am beatha às ★★

thug mi mo bheatha às ★★

tlachd a ghabhail às a' bheatha

beathach

am fitheach a dh'èireas moch 's ann leis a bhios sùil a' bheathaich ★★

beinn

's toil leam dol a' coiseachd anns na beanntan ★★

bèinn a dhèanamh de ghuirean

bha e cho mòr ri beinn

bha m' anail nam uchd nuair a ràinig mi mullach na beinne ★★

bràighe na beinne

chan fhaic mi na beanntan leis an uisge ★★

cho aotrom ri oiteag nam beann

cho daingeann ri Beinn Shianta

cho mòr ri beinn

ma bhios sìde mhath ann Didòmhnaich, thèid mi gu na beanntan ★★

nà dèan beinn à guirean

beir

's ann dha a rug an cat an cuilean ★★

an latha a bheireas an cuilean an t-ugh

beir a thaobh air

bhon latha a rugadh e ★★

breith air cuideigin

cha b' ann an-diugh no an-dè a rugadh mise ★★

is beag a bheireadh orm sin a dhèanamh

is binn guth an eòin far an do rugadh e

lom rùisgte mar a rugadh thu ★★

nach ann ort a rug an cat an cuilean! ★★

rug e air a' chothrom

rug e air breac

rug e an sgiath-chùil dhìom

rugadh anns a' Ghearran e ★★

rugadh mi ann an Alba ★★

beò

a bheil e fhathast beò? ★★

agus mura bheil iad marbh, tha iad beò fhathast

an cuimhne nam beò

ann an tìr nam beò ★★

beò air an ailbhe

bha e beò air èiginn ★★

bidh mi an eire sin ri mo bheò

cha robh anail bheò ann

cha robh anam beò ri fhaicinn

cha robh anam/duine beò ann

chaidh am beò às

chan eil anam beò san rathad a-nis!

cho beò ri easaig

cho fada ri mo bheò

dè do bheò? ★★

feumaidh tu tighinn beò air na tha agad ★★

fhad 's as beò mi

guma fada beò thu agus ceò às do thaigh ★★

guma fada beò thu agus ceò às do thaigh!

guma fada beò thu! ★★

ri do bheò

ri mo bheò ★★

tha e beò air èiginn

tha e beò ann am fàrdaich

tha e beò fhathast ★★

tha e beò san èiginn dhubh

tha i a' tighinn beò ann an dòigh mhòir

tha iad beò bho latha gu latha ★★

tha iad beò san èiginn duibh

tha mi beò air èiginn ★★

tighinn beò air rudeigin ★★

beò-shlàint'

beò-shlàint' a thoirt

beothail

bha iad a' falbh aig astar beothail ★★

gu math beothail

beud

's mòr am beud ★★

's mòr am beud e ★★

chan eil beud air

nach mòr am beud! ★★

beul

's ann aige a bha am beul brèagha ris

's e beul a labhras ach 's e gnìomh a dhearbhas ★★

's e beul gun fhàitheam a tha innte ★★

a' cur a-mach air a' bheul ★★

a' cur a-mach air beul

air a bheul fodha ★★

air bheul a bhith deas

am beul a chèile

am beul a' bhàis

am beul na mara

am fear nach fhosgail a sporan, fosglaidh e bheul

beul an latha

beul gun fhàitheam

beul na h-oidhche

beul sìos ort!

beul-bòidheach

bha èigh nan creach na beul

bha mo chridhe nam mo bheul/na mo shlugan/na mo sgròban/nam uchd

cha ghabhte a' ghlas-ghuib cur air a beul

cha tèid fiach air beul dùinte

cuir am beul brèagha ort

cur a-mach air beul

dùin do bheul! ★★

eadar dà bheul an dorais

làn gu beul

mu thimcheall trì mìosan air ais ★★

ri beul puirt

shaoileadh tu nach leaghadh an t-ìm na bheul

tha a bheul nas miosa na ghnìomh

tha e am beul a' bhaile

tha e deas air a bheul

Tha i a' toirt a' bheòil bhrèagha dha

tha i na làn beòil aig a' bhaile

thug thu na faclan a-mach às mo bheul

thuit e air a bheul fodha ★★

thuit e às a bheul

beulaibh

air beulaibh ★★

air beulaibh an t-sluaigh ★★

air beulaibh an teine

air mo bheulaibh ★★

cùlaibh air a bheulaibh

cùlaibh air beulaibh

tha e cùlaibh ri beulaibh agad ★★

beum

a dh'aon bheum

beum san dealachadh

gun bheum do

thoir beum air

thug e beum orm

Beurla

bha mi a' teagasg Beurla thall thairis fad bliadhna ★★

beus

b' àlainn do ghnùis nam b' iùlmhor do bheus

bheag

tè bheag a ghabhail

bheatha

cuid de a bheatha

bheir

bheireadh e ort cur a-mach

thug an gobhar purradh air

bho

a' dol bhuaithe ★★

tha e a' tighinn bhuaithe

bi

sin a bhith mar a tha e

biadh

a bhith na bhiadh is na cheòl

a bhith na bhiadh is na cheòl agad

a' dèanamh a' bhìdh dheth

am bu mhath leat dol a-mach gu biadh? ★★

biadh a sparradh air cuideigin

cha robh am biadh a' tighinn ri mo chàil

chan eil sunnd ri biadh agam idir

don bìdh air!

rinn am biadh feum dhomh ★★

tha am biadh anns an àite seo dìreach glan ★★

tha e a' dèanamh a bhidhe dheth

tha mi ag ithe a h-uile seòrsa bidhe ★★

thug an naidheachd mo chàil airson bidhe bhuam

bianan

sgap e na shoillse-bianain

bile

bha cop air a bhilean

bile

bile na creige

tha seula air mo bhilean ★★

binn

chaidh binn a thoirt a-mach na aghaidh

cho binn ri smeòraich air geug

is binn guth an eòin far an do rugadh e

biod

air bhiod

biodag

air bhiodagan

tha iad an rùn nam biodag dha chèile

bìog

cha robh bìog aige

cha robh bìog aiste ★★

bior

cho caol ri bior ★★

bior

air bhioran ★★

biorach

nach ann agad a tha an t-sùil bhiorach! ★★

nach e do shròn a tha biorach!

bioraich

bhioraich mi mo chluasan

bioran

bha e air bhiorain gu sabaid

nach tu tha air bhiorain gus an obair a thòiseachadh ★★

tha sinn uile air bhiorain agus ullamh airson falbh

biorgadh

's tu a chuir am biorgadh annam!

bith

na dèan sin air chor sam bith! ★★

thig a chèilidh oirnn uair sam bith ★★

bìth

mar a' bhìth

bitheantas

ann am bitheantas ★★

blaomaire

chan eil ann ach blaomaire

blàr

agus e na shìneadh air a' bhlàr

air a' bhlàr-a-muigh ★★

bha latha air a' bhlàr a-muigh againn ★★

blàr nan ceàrd

blàr nan con

chaidh am blàr air feadh na fìdhle

thoir am blàr ort! ★★

blas

blas a' chrogain fhaighinn de rudeigin ★★

cuir blas air seanchas ★★

ghabh i blas a' chrogain dheth ★★

ghabh mi blas a' chrogain dheth ★★

blasad

blasad/grèim a ghabhail

blàth

bha e blàth as t-earrach ★★

blàth seasgair

cho blàth ri teine-mònach

tha mi a' faireachdainn blàth a-rithist

tha mi cho blàth ri bainne an tac an teine

blàthachadh

le blàthachadh smùide

bliadhna

turas an comhair na bliadhna

bliadhna

thog mi an imrich gu Dùn Deagh nuair a bha mi ochd bliadhna deug ★★

blian

a' blianadh

bloigh

chan eil na bloigh! ★★

cho mòr aig a chèile ri bò 's prabag

dh'ithinn bò

math na bà

tha e ag iarraidh a' bhò a reic agus a bainne òl

tha i ag iarraidh a' bhò a reic agus a bainne òl

bò mhaol odhar agus bò odhar mhaol

bochd

cho bochd ri dìol-dèirce

dèan cobhair air creutair bochd

dh'fhàs e bochd ★★

is bochd an càs e

tha e ann an cor bochd

bochdainn

a' bhochdainn ghorm

a' bhochdainn ghorm a bhith ort

chan eil aca ach a' bhochdainn ghorm

gun gabh a' bhochdainn iad!

bod

cho cinnteach 's tha bod air each

cho righinn ri bod sagairt

bodach

bodach a' chipein

cha ghabh ceann bodaich cur air balach

chaidh bodach a chur air

cuir bodach air

tha am bodach a' dol bhuaithe ★★

bodan

's fheàrr sùgh a' bhodain na sùgh lodain

bodhar

cho bodhar ri cloich

cho bodhar ris an talamh

tha mi rud beag bodhar ★★

bog

air bhog ★★

bog bàthte

chaidh m' fhàgail bog balbh

dh'fhalbh e gu bog, balbh, bodhar

tha mi air bhog gu m' ugannan ann am fiachan

tha mi bog fliuch ★★

bogadan

cuir air bhogadan

bogadh

's mithich dhuinn a bhith a' bogadh nan gad

a' bogadh nan gad

boganach

bromanaich is boganaich

bogha

bogha-froise ★★

eadar am bogha 's an t-sreang ★★

tha e eadar am bogha is an t-sreang

boglach

dol sa bhoglaich

bòidhchead

cha tèid bòidhchead nas doimhne na an craiceann

cha toir bòidhchead goil air a' phoit

bòidheach

beul-bòidheach

tha iteagan bòidheach air na h-eòin a tha fad' às

boil

aig amannan, bidh i a' dol na boil ★★

air bhoil

chaidh e na bhoil

cuir air bhoil

tha e gam chur air bhoil ★★

boile

a' falbh na bhoile

bha i dìreach air bhoile ★★

cuideigin a chur air bhoile

boillsgeadh

fhuair mi boillsgeadh dheth

boireannach

's e boireannach càirdeil a tha innte ★★

na boireannaich air thoiseach!

boiteag

ghabh e a' bhoiteag

bonaid

bidh bonaidean anns a' pholl

bonn

air do bhonnan-chnàmh

an làrach nam bonn ★★

bho bhonn gu bathais ★★

ceann no bonn ★★

cha dèan aithreachas mall bonn feuma

cha toir e thar a bhonnan

cha toirinn bonn a h-ochd air

cha toirinn bonn-a-h-ochd air

cuir craiceann a' bhuinn air do bhathais

dè tha aig bonn seo uile? ★★

dol gu bonn na cùise ★★

le leum cheithir-bonn

na buinn a chur an taic

rudeigin a chur air bhonn ★★

tha e air a bhonnan a-rithist

thoir do na buinn ★★

thoir na bonnan leat!

thug e na buinn às ★★

thug e na buinn dha

thug iad na buinn asta

toirt dha na buinn

bonnach

bonnach air bhois, cha bhruich e is cha loisg

tha dà thaobh air a' bhonnach

bonnan

thug iad na bonnan leotha

borb

bha e cho borb ri madadh-allaidh

bòrd

cho lom ri bòrd

botal

chan eil ann ach guth na speacha sa bhotal

tha e cho dìonach ri botal leis an airgead aige

both

a' cur nam both dheth

bha e a' cur nam both dheth

bha e a' cur nam both dheth a' snàmh

bothan

chaidh bothan a chur air

cuir bothan air

brà

ag ithe mar a mheileadh brà

bràch

gu sìorraidh bràch ★★

bradan

cho fallain ris a' bhradan

brag

thoir brag air

braide

braide a dhèanamh

bràigh

tha sin a' toirt bràigh-ghill air a h-uile nì

bràighe

bràighe na beinne

braim.botal

rachadh e mun cuairt nam biodh braim ann am botal ann

braodag

braodag a ghabhail

ghabh e braodag

braoisg

braoisg a chur ort

brat

fo bhrat na h-oidhche ★★

brath

's ann aig na ròin a tha brath

's ann aige fhèin a tha brath carson

a' gabhail bratha orm

aig Nì math a tha fios/brath ★★

bha e a' brath mo bhualadh

brath a ghabhail air cuideigin

chaidh brath a chur thugam mu dheidhinn ★★

cuir brath

gabh brath air ★★

tha an latha a' brath uisge

thàinig brath thugainn gun do chaochail e ★★

thoir brath ★★

bràthair

cia mheud bràthair a tha agad? ★★

breab

a' breabadh an aghaidh nan dealg

breac

breac-a'-mhuiltein

cho fallain ri breac

cho fallain ris a' bhreac

rug e air breac

breacan

dèan breacan à baile

brèagha

's ann aige a bha am beul brèagha ris

abair sealladh brèagha! ★★

cuir am beul brèagha ort

Tha i a' toirt a' bheòil bhrèagha dha

tha itean brèagha air na h-eòin fad' às

brèaghachd

cha tèid a' bhrèaghachd seach an craiceann

breathas

air bhreathas

breibeil

a' breibeil 's a' buiceil ri cuideigin

breisleach

ann am breisleach aoibhneis

ann am breislich

bha e na bhreislich ★★

chaidh e am breislich

chuir e am breislich mi

cuideigin a chur ann am breislich

cuir cuideigin ann am breislich

tha mi na mo bhreislich ★★

breith

bho bhreith gu bàs

breith a thoirt à bruadar

co-là-breith sona dhut! ★★

le còir-bhreithe

na toir breith a rèir choltais

na toir breith air duine air a thrusgan

breitheanas

gu Latha a' Bhreitheanais

Latha a' Bhreitheanais

breug

's e breug a th' agad ★★

air cho math is gu bheil thu air na breugan

breug a ghabhail

cha sheas a' bhreug ach air leth-chois

tha a' bhreug na do phluic

tha e a' gabhail nam breug

thathar a' fàgail air gu bheil e ris na breugan

thog iad oirre gun robh i ris na breugan

thoir a' bhreug do

breugnaich

cha ghabh e breugnachadh

briathar

chuir e na briathran agam às an riochd

cuir ann am briathran

cuir rudeigin ann am briathran

sin mar a chuir e briathar air

briathar

cha gabh cho toilichte is a tha mi cur am briathran ★★

brìdean

cho luath ris a' bhrìdean air an tràigh

brìgh

cainnt gun bhrìgh

seanchas gun bhrìgh

thàinig brìgh an t-seanchais dha ionnsaigh

thug thu a' bhrìgh cheàrr às a' chùis

brìodal

a' brìodal ri cuideigin

a' mealladh cuideigin le brìodal

bris

an aire nach bris thu e

bhris e a-mach a' caoineadh ★★

bhris e druim na h-obrach

bris a-steach air cuideigin

bris rudeigin na mhìrean

brisidh an dùthchas tro shùilean a' chait

faodaidh e do thogail no do bhriseadh

is urrainn dha do thogail no do bhriseadh

mura bheil thu buidheach, bris do shoitheach

na bris a-steach air!

rudeigin a bhriseadh na mhìrean

tha a cridhe briste ★★

briseadh

briseadh na fàire

briseadh-dùil a thoirt do chuideigin ★★

briseadh-latha

chan eil briseadh puirt air

ri briseadh na fàire

brochan

brochan a dhèanamh de rud

dèan brochan de

dèan brochan lom dheth ★★

dèan càl no brochan dheth

dèanadh tu càl no brochan dheth ★★

rinn e brochan dheth

rinn iad brochan lom dheth

rinn thu brochan dheth

rinn thu brochan lom dheth ★★

tha e gu tur na bhrochan ★★

tha i air brochan lom a dhèanamh den a h-uile càil ★★

tha mo cheann na bhrochan ★★

brod

's e brod a neach-ealain a tha innte ★★

brod a' bharra

fhuair mi brod a chùram

tha sinn a' feuchainn ri brod a chumail air a' chùis

bròg

cha bhithinn na bhrògan airson dad a chunnaic mi

chàin e mi gu mo bhrògan

chuir e na brògan aige air chùl

tha i cho sona ri bròg ★★

broinn

a' tuiteam am broinn a chèile

am broinn an taighe ★★

chaidh a h-uile rud a bh' ann air a bhroinn

na bhroinn ★★

piseach air do phiseach agus piseach na do bhroinn

tha iad a' tuiteam am broinn a chèile ★★

thuit e am broinn a chèile ★★

bromanach

bromanaich is boganaich

brù

bu mhotha a shùil na a bhrù

tha brù mhòr air ★★

tha brùchdadh na mo bhrù

bruach

a' coiseachd air bruach na h-aibhne

brùchd

a' brùchdadh a-steach air rudeigin

brùchdadh

tha brùchdadh na mo bhrù

bruich

bonnach air bhois, cha bhruich e is cha loisg

bruidhinn

's furasta dhut fhèin bruidhinn

a bheil thu ag iarraidh bruidhinn ris? ★★

a' bruidhinn orm/mu mo dheidhinn

am b' urrainn dhut bruidhinn na bu shlaodaiche, mas e do thoil e? ★★

am faod mi bruidhinn ri Anna? ★★

am faod mi bruidhinn ri Màiri mas e do thoil e? ★★

an duine a bhruidhinn an toiseach

an duine air an robh sinn a' bruidhinn

an robh thu a' bruidhinn ris on uair sin? ★★

b' fheàrr leam gum b' urrainn dhomh Gàidhlig na h-Èireann a bhruidhinn ★★

bha mi a' bruidhinn ris ma dheidhinn ★★

bhiodh sinn a' bruidhinn Gàidhlig anns an dachaigh ★★

bhuail e orm bruidhinn riut

bidh mi a' bruidhinn riut a-màireach ★★

bruidhinn air thuaiream

bruidhinn gu luath ★★

bruidhinn ri ★★

bruidhinn ri cuideigin

cha b' fhiach leis bruidhinn rinn

cha sguir iad a bhruidhinn

chan eil feum a bhith bruidhinn

chan eil feum dhut a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn

chan eil feum sam bith a bhith a' bruidhinn air ★★

chan eil i a' sgur a bhruidhinn idir ★★

cò ma dheidhinn a tha thu a' bruidhinn?

cò ris a bha thu a' bruidhinn? ★★

dè 'm feum a bhith bruidhinn?

dè am feum a bhith a' bruidhinn air?

faodaidh e bruidhinn a-mach air a shon fhèin

leig sinn leis bruidhinn air thoiseach oirnn

ma thachras gum bi thu a' bruidhinn ris

mar sin leat, bidh mi a' bruidhinn riut ann an ùine gun a bhith fada ★★

na bi a' bruidhinn sgudail! ★★

na bruidhinn ris idir ★★

tha an tè ud a' bruidhinn cus

tha e mar a bhith a' bruidhinn ri each na chadal

tha e math air bruidhinn ★★

tha e nam rùn bruidhinn ris

tha mi 'g iarraidh bruidhinn riut

thòisich iad a' bruidhinn orm

thuirt e gun robh e tuilleadh is trang airson bruidhinn ★★

brùth

bha an ùine a' bruthadh orm ★★

bruth

cha dèan math dhut do chuid feirge a bhruthadh a-steach

brùth

tha iad a' brùthadh a-null 's a-nall air càch-a-chèile

bruthach

a' dol leis a' bhruthaich ★★

a' dol ris a' bhruthaich ★★

a' fiaradh a' bhruthaich

a' togail a' bhruthaich

bruthach a dhìreadh ★★

chaidh a h-uile dad leis a' bhruthaich às dèidh sin ★★

chaidh sin uile leis a' bhruthaich o chionn fhada

cho aosta ris na bruthaichean

dhìrich sinn am bruthach

dol leis a' bhruthaich ★★

leis a' bhruthaich ★★

tha e cho sean ris na bruthaichean ★★

tha Màiri suas a' bhruthach ★★

thilg mi leis a' bhruthaich e ★★

thug e am bruthach air

buadh

fhuair e am buadh sin bho chuideachd

tha e de bhuadh aige misneachd a spreagadh ann an daoine

buaidh

's e buaidh no bàs a th' ann ★★

buaidh is piseach leat

buaidh na dibhe

fhuair e a' bhuaidh

fhuair e a' bhuaidh orra

fo bhuaidh

gun toir thu a-mach a' bhuaidh!

thoir buaidh air ★★

thoir buaidh air cuideigin

thug e buaidh air a chridhe

thug e buaidh mhòr air

tighinn fo bhuaidh cuideigin

buail

a' bualadh air a' chuspair ★★

bha e a' brath mo bhualadh

bha mi às an lorg bhuailte gu tur

bhuail e nam inntinn

bhuail e nam inntinn gun robh e na thìde na slatan a phasgadh

bhuail e orm bruidhinn riut

bhuail e orm gun fhiosta

bhuail mi dubh is geal e

bhuail smuain orm

bhuail thu air cnag na cùise!

bhuail thu air!

bhuaileadh orm gu domhainn

chaidh a bualadh air ais ★★

chan eil sin a' bualadh air a' chùis ★★

feumaidh sinn bualadh oirnn! ★★

ma bhuaileas tu cù, buail gu math e

buaile

a' bhò as miosa a tha sa bhuaile, is i as àirde geum

buailteach

tha e buailteach a bhith mòr na bheachd

tha e buailteach frionas a ghabhail

buain

a' buain creachainn

bha latha eile aig fear buain na mòna ★★

bidh latha eile aig fear buain na mòna

buain/dèan maorach fhad is a tha an tràigh ann

cuir a' ghaoth agus buain a' ghaoithreag

gealach buain a' choirce

latha buain an lìn

tha a latha fhèin aig fear buain na mòna

buaireadh

cha robh mi ag iarraidh buaireadh a thogail

cuir buaireadh air

na tarraing buaireadh ort fhèin

buaireas

a' tarraing buaireis

bualadh

tha e a' bualadh orm ★★

buan

gu sìorraidh buan

buannachd

bha e a' feuchainn ri buannachd a thoirt à aimhreit chàich

bidh e na bhuannachd dhut ★★

buannachd a thoirt à aimhleas cuideigin eile

buannachd a thoirt à rudeigin ★★

buannachd làn a thoirt à

cha tug e buannachd sam bith às ★★

tha e a' toirt buannachd à aimhreit chàich

thoir buannachd à

thug mi buannachd às

buannaich

am fear nach meatraig, cha bhuannaich

buannaich

bhuannaich e barrachd na chaill e ★★

bhuannaich e gun strì ★★

buarach

eadar a' bhadhbh 's a' bhuarach

buatham

thàinig buatham fodham

thàinig buatham fodham toirt às mar a bha agam

buiceil

a' breibeil 's a' buiceil ri cuideigin

buidhe

's buidhe an tàmhachd

cearc-bhuidhe nan uighean mòra

cho buidhe ri sòbhrag

gealach bhuidhe an abachaidh

is buidhe leam

latha buidhe air choreigin

nach buidhe dhut! ★★

buidheach

bidh e a' cur na buidhich orm

cuir a' bhuidheach air

mura bheil thu buidheach, bris do shoitheach

tha buidheach agam air ★★

buidheachas

an tug thu airgead-buidheachais don neach-fhrithealaidh? ★★

buil

's beag nach dèanadh e gus an ceann-crìche aige a thoirt gu buil ★★

a bheil thu gus a thoirt gu buil? ★★

a' tighinn gu buil

anns na builean

cha tàinig a' chùis gu buil mar a bha dùil agam rithe ★★

chaidh agam air a thoirt gu buil ★★

chìthear a bhuil

is e dearbhadh gnothaich a bhuil

rudeigin a thoirt gu buil ★★

tha a' bhuil ort

thàinig e gu buil ★★

thig gu buil

thoir gu buil

buile

sna builean

buileach

's e sin an dòigh as fheàrr buileach ★★

a chaochladh buileach

agus nas fheàrr na sin buileach ★★

buileach glan

cha mhòr nach eil e dall buileach

chan eil e buileach tathabal

dhìochuimhnich mi mu dheidhinn sin buileach ★★

is i as fheàrr buileach ★★

nas fheàrr buileach! ★★

buille

air a bhuille-trot

buille air a' bhuille

buille-sùla fhaighinn de rudeigin

chan fhiach e buille

chuir am buille sin crìoch air

cuideigin a thoirt a-nuas buille no dhà

fhuair mi buille-sùla dheth

mar a' bhuille dheireannach

tha thu a h-uile buille cho math leis

thoir buille air a' bhuille do

buin

a' buntainn ris a' chuspair ★★

an rud nach buin dhut na buin dha

bhuin iad gu fial rinn

bhuin Iain còir-bhreith bho a mhac

bhuineadh e foighidinn Iòb

chan eil sin a' buntainn ris a' chùis ★★

cò dha a bhuineas seo?

cuideigin a bhuineas dhan àite ★★

is olc a bhuin e rithe

leig leam agus cha bhuin mi riut

buinneach

Èireannaich na buinnich! ★★

bun

's e an dachaigh bun tabhartais

am bun na cloinne

bho bhun gu bàrr ★★

bun agus bàrr na cùise

bun-os-cionn ★★

cha dèan mi bun no bàrr dheth ★★

chan eil bun no bàrr aige ★★

chan eil fathann gun bhun

chan urrainn dhomh bun no bàrr a dhèanamh dheth ★★

is e am bun a bha ann gun d'fhuair e cùl na còmhla

nàbaidh bun na h-ursainn

spìon às a bhun e

buntainn

a' buntainn ris a' chùis ★★

buntanas

gun bhuntanas

bùrach

bùrach a dhèanamh de rud

dèan bùrach dheth

rinn e bùrach dheth ★★

rinn iad bùrach dheth ★★

tha a h-uile càil na bhùrach againn a-nis ★★

tha an gnothach na bhùrach!

tha an seòmar seo na bhùrach! ★★

tha an t-àite seo na bhùrach ★★

tha e na bhùrach ★★

tha mi ann am bùrach

bùrn

cho saor ris a' bhùrn

bùrt

bha iad a' feuchainn ri culaidh-bhùirt a dhèanamh dhìom ★★

bùrt

culaidh-bhùirt

bus

bus ri bus ★★

chaidh bus a chur na theine

cuir bus ort

na cuir bus mòr ort mu dheidhinn!

na ghabhadh am bus

butarrais

rinn e butarrais dheth

bùth

a' dol dhan bhùth ★★

chaidh aig Iain air a dhol do na bùthan

tha na bùithtean ionadail faisg air làimh agad ★★

cab

na biodh do chab air do ghualainn agad

cabadaich

bha sinn a' cabadaich air siud is air seo ★★

sguiribh den chabadaich agaibh! ★★

càbag

cha b' aithne dha clach seach càbag

cabar

dh'èirich a chabair air

mar luideag an ceann cabair

cabhag

air chabhag

ann an cabhag ★★

bha cabhag mo bheatha orm

cabhag a dhèanamh ★★

dè a' chabhag a tha ort? ★★

dè chabhag a th' ort?

dèan cabhag ★★

dh'fhalbh e leis ann an cabhaig ★★

nach ann ort a tha chabhag! ★★

seach gun robh cabhag orm ★★

tha cabhag mhòr air

tha cabhag mhòr orra

tha cabhag orm ★★

tha mi mothachail gu bheil cabhag ort ★★

càch

am fianais chàich

an crochadh air (càch-a-)chèile

chuir iad cùl ri càch-a-chèile

cuide ri càch

ghabh iad ri càch-a-chèile

os cionn chàich ★★

tha e a' toirt buannachd à aimhreit chàich

tha e fada air thoiseach air càch

tha mi gad chreidsinn olc air mhath le càch e

tha thu fhèin mar chàch ★★

uimhir ri càch ★★

cadal

a bheil thu nad chadal? ★★

a' tuiteam na do chadal ★★

an cadal deilgneach

an cadal dhut?

bha cadal trom orm

bha i a' tuiteam na cadal ★★

bha mi ann am fonn cadail

bidh mi a' dol a chadal aig aon uair deug air a' char as anmoiche ★★

cadal math dhut! ★★

cadal na maighich ort!

chan eil thu a' faighinn cadail gu leòr ★★

dèan cadal

fhuair mi slaic mhath cadail

na chadal-suain

na do chadal-suain ★★

rinn mi cadal a' mhaighich

rinn mi cadal na maighich

tha an cadal a' tighinn orra

tha an cadal-deilgneach orm ★★

tha dà sheòmar-cadail anns an taigh agam ★★

tha e mar a bhith a' bruidhinn ri each na chadal

tha e na chadal-suain ★★

tha i na cadal-suain ★★

tha iad nan cadal-suain

theirig a chadal ★★

thuit i na cadal ★★

cagailt

an cois na cagailte ★★

is e corra-chagailte a tha ann

seanchas an cois na cagailte

cagar

cagar sa chluais dhut! ★★

thuirt e e ann an cagar a chluinneas a h-uile duine

cagnadh

cagnadh a chumail ris ★★

chùm e cagnadh rium ★★

chùm sin cagnadh rium dreis ★★

cumaidh sinn cagnadh ris ★★

caidsear

na caidsearan a' tighinn air na srathairean

càil

a bheil càil a' cur dragh ort? ★★

a h-uile càil chruthaichte ★★

an d'rinn sibh càil sam bith snog a-raoir? ★★

bha a h-uile càil a' dol gu math leinn

bidh e daonnan a' cur càil sam bith a chanas i ann an suarachas

càil an latha

càil às ùr? ★★

càil-àbhachdais

cha chan mi càil mus can mi cus

cha d'rinn mi càil chruthaichte tron là air na làithean-saora agam ★★

cha d'rinn sinn càil chruthaichte Dimàirt ★★

cha do shaoil e càil dheth

cha ghabh e bhith na chàil is na bhrochan agad

cha leig sibh leas càil sam bith a thoirt a chreidsinn ormsa ★★

cha mhòr gu bheil càil ann ach an t-anam

cha robh càil a dhùil agam ris ★★

cha robh càil idir ann chun an seo!

cha tuirt e càil mu dheidhinn

chan eil càil a dh'fhios agam ★★

chan eil càil a dh'fhios aige ★★

chan eil càil a' dol seachad air

chan eil càil agam mu dheidhinn ★★

chan eil càil aige

chan eil càil chruthaichte a' cur air

chan eil càil chruthaichte ceàrr air ★★

chan eil càil chruthaichte ceàrr ort

chan eil càil nas fheàrr fon ghrèin ★★

chan eil càil ri cleith aice ★★

chan eil càil ri fhaicinn

chan eil càil sam bith ceàrr air sin! ★★

chan eil càil sam bith ceàrr ort ★★

chan eil càil!

chan eil e a' tighinn ri càil

chan eil e a' tighinn ri mo chàil

chan eil fios càil nas fheàrr aige

chan fhaic e càil ★★

chan robh càil chruthaichte ri fhaicinn ★★

chuir an sgrìob faobhar air mo chàil

dad sam bith

dèanadh tu càil no brochan dheth ★★

far am bi càil bidh cothrom

fhuair i cead càil sam bith a dhèanamh ★★

gheuraich e mo chàil ★★

ma tha e a' tighinn ri do chàil ★★

nach eil càil-àbhachdais sam bith agad?

ri càil na maidine

tha a h-uile càil a' dol air adhart glan fhèin ★★

tha a h-uile càil a' dol mar bu chòir

tha a h-uile càil air a dhol a dhìth ★★

tha a h-uile càil ann an rian ★★

tha a h-uile càil bun-os-cionn agad

tha a h-uile càil na bhùrach againn a-nis ★★

tha alt aige air a h-uile càil

tha i air brochan lom a dhèanamh den a h-uile càil ★★

thàinig e ri mo chàil ★★

thig ri do chàil

thug an naidheachd mo chàil airson bidhe bhuam

caileadh

chan e sreap a' chait chaothaich ris a' chaileadh chreagach a tha ann

caileag

cho mìn ri gruaidh caileige

caill

a bheil thu an dèidh do phurp a chall?

a chall a' bhàta a lorg saoireid

an impis mo chiall a chall

bhuannaich e barrachd na chaill e ★★

cha b' fhada gus an cailleadh tu ùidh annam

cha mhòr nach do chaill mi mo chiall

chaill e a chiall ★★

chaill e a chridhe ★★

chaill e a mhisneach ★★

chaill e a mhisneachd gu tur

chaill e cheann ★★

chaill i a casan na dhèidh

chaill i a purp

chaill mi lorg oirre ★★

chaill mi mo lùths a' gàireachdainn ★★