| How are you? | Cia mar tha thu (sibh )? |
| Are you quite well? | Bheil an t-slàint’ agad (agaibh)? |
| Are you in good health? | Bheil thu (sibh) gu sunndach? |
| How are you living? | Dè’m beo th’oirt (oirbh)? |
| How do you feel? | Ciamar tha thu (sibh) faireachdainn? |
| Are you in good trim? | Bheil thu (sibh) ann an sgoinn? |
| How are they at home? | Cia mar a tha iad agad (agaibh)? |
| How do you do? | De mar tha sibh? |
| I am nicely | Tha mi gu gasda |
| I’m pretty well | ’Smath mar tha mi |
| We are nicely | Tha sinn gu lughach |
| I am thankful to be so well | Tha mi taingeil mar a tha mi |
| I have no reason to complain | Cha’n’eil aobhar gearain agam |
| I’m very well | Tha mi gu gleusda |
| I could not be better | Cha b’ urrainn domh bhi ni b’ fheàrr |
| That is well | ’Smath sin |
| I’m glad to hear it | Tha mi toilicht’ a chluinntinn |
| You look very well | Tha thu (sibh) coimhead gle mhath |
| You’re the picture of health | Tha fiamh na slàint ort (oirbh) |
| Health is a very important thing | ’S mór an gnothuch an t-slàint |
| I was very anxious about you | Bha iomagan orm umad (umaibh) |
| I was afraid you weren’t keeping well | Bha eagal orm nach robh thu cumail slàn |
| And how are you, yourself? | S ciamar a tha thu (sibh) fein? |
| Only so so | Cha’n’eil ach meadhonach |
| I’m not very well | Cha’n’eil mi ro mhath |
| I am not so well | Cha’n’eil mi cho math |
| I am not very bad | Cha’n’eil mi gle dhona |
| I do not feel so well today | Cha’n’eil mi faireachadh cho math an diugh |
| I am getting better | Tha mi fàs ni’s fhearr |
| I’ll soon be all right | Bith’ mi ceart gu leoir a thiota |
| There is great pain | Tha cràdh mor ann |
| His strength is going | Tha a neart a falbh |
| He has no breath | Cha’n’eil anail aige |
| He is very ill | Tha e gle thinn |
| We are all ill | Tha sinn uile gu tinn |
| It is an infectious disease | ’Se galar gabhaltach a th’ ann |
| You are very weak | Tha thu gle lag |
| I am sick | Tha mi gu tinn |
| She is very poorly | Tha i gle bhochd |
| I’m not at all right | Cha’n’eil mi ceart idir |
| I’m sorry to hear it | Tha mi duilich a chluinntinn |
| I didn’t know that | Cha robh fios agam air sin |
| You don’t look very well | Tha droch neul ort (oirbh) |
| You’re very pale | Tha thu (sibh) gle bhàn |
| What’s wrong with you? | De tha tigh’n riut (ribh)? |
| What ails them? | De tha cur orra? |
| Health of mind | Slàinte na h-inntinn |
| To be ill | Bhi gu bochd |
| Suffering from ill-health | Fulang euslainte |
| He needs a nurse | Tha feum aige air banaltrum |
| I have a cold | Tha cnatan orm |
| I caught a cold | Fhuair mi fuachd |
| He has a bad cough | Tha droch chasad air |
| She has no strength | Cha’n’eil lùth aice |
| I have a headache | Tha mo cheann goirt |
| He hurt his foot | Chiùrr e a chas |
| He is feverish | Tha e ann an teasach |
| He has smallpox | Tha bhreac air |
| It is a terrible disease | ’S uamhasach an galar i |
| The children have whooping cough | Tha a chloinn anns an truch |
| The old man has rheumatism | Tha’n t-siataig air an t-seann duine |
| I have toothache | Tha’n deudadh orm |
| He went into a swoon | Chaidh e ’n a nial |
| Send for the doctor | Cuir airson an lighiche |
| Have you any medicine? | Bheil cùngaidh sam bith agad (agaibh)? |
| Are you better? | Bheil thu (sibh) ni’s fhearr? |
| I am convalescent | Tha mi dol am feothas |
| I am suffering | Tha mi a fulang |
| What’s the matter with you? | De tha tighinn riut (ribh)? |
| What ails you? | De’ tha ’cur ort (oirbh)? |
| When did it commence? | C’uin a thoisich e? |
| What’s the cause of it? | De is aobhar dha? |
| He is consumptive | Tha e ann an tinneas-caitheimh |
| Is he long ill? | Am bheil e fada bochd? |
| How did it commence? | Ciamar thoisich e? |
| You must be careful | Feumaidh tu (sibh) bhi toigheach |
| I hope to see him better | Tha mi ’n dochas fhaicinn ni’s fhearr |
| I’m afraid he won’t live long | Tha eagal orm nach fhad a bheo |
| He isn’t improving at all | Cha’n’eil e tigh’n air aghaidh idir |
| I am better | Tha mi ni’s fhearr |
| He has got relief | Fhuair e lasachadh |
| I’m a little easier | Tha mi beagan ni’s socraich |
| The pain is not so great | Cha’n’eil am pian cho mor |
| I’m recovering my appetite | Tha mi faighinn mo chàl |
| She is much stronger | Tha i moran ni’s treasa |
| It was an accident | ’Se tuiteamas a bh’ann |
| Suffering from ague | Fulang leis a chrith |
| With asthma | Leis a’ ghearr-analach |
| It is bleeding | Tha e call fola |
| Boils | Neasgaidean |
| A sore bruise | Bruthadh goirt |
| His hand was burned | Chaidh a lamh a losgadh |
| Chilblains on the toes | Fuachd-at air na h-òrdagan |
| A severe cold | Cnatan mór |
| Consumption of the lungs | Tinneas-caitheimh ’s na sgamhan |
| It is contagious | Tha i gabhaltach |
| There is a corn on my foot | Tha calunn air mo chas |
| Coughing | A casdaich |
| He took cramp | Ghabh e iodh |
| Diseases are prevalent | Tha galaran pailt |
| It brings on dizziness | Tha e cur boile |
| It turned to dropsy | Thionndaidh e gu meud-bhronn |
| It led to fever | Thainig e gu teasach |
| He fell in a fit | Thuit e ann an teum |
| I have a headache | Tha mo cheann goirt |
| He has heart disease | Tha galar-cridhe air |
| I am hoarse | Tha’n tùchan orm |
| I have indigestion | Tha cion-meirbhidh orm |
| There’s an itching in my finger | Tha tachus air mo mheòir |
| He has jaundice | Tha ’bhuidheach air |
| That is madness | ’Se caothach tha’n sin |
| They are mad | Tha’n caothach orra |
| The child has measles | Tha’n leanabh ’s a’ ghriùthrach |
| He is in pain | Tha e ann an cràdh |
| It pains him | Tha e ’g a chiùrradh |
| A stroke of paralysis | Beum phairilis |
| I have rheumatism in my knee | Tha siataig ’nam ghlùin |
| The skin was scratched | Chaidh an craicionn a sgròbadh |
| There is smallpox in the town | Tha a’ bhreac ’s a bhaile |
| A painful sprain | Siochadh goirt |
| It is swelling | Tha e ag at |