TÀIRE-BHREITH

'S e tàire-bhreith a chanas muinntir na sgìre ris nuair a tha droch bhreith aig beathach - rud ris an canar gu teignigeach dystocia. Chanadh iad, mar eisempleir, "Oh, fhuair a' bhò tàire nuair a rug i an-raoir".

Ann an crodh, cha robh tàire-bhreith a-riamh cumanta san eilean nuair nach robh ann ach crodh Gàidhealach agus an fheadhainn shorthorn. A thaobh crodh Gàidhealach, tha am pelvis aca cho mòr, is na laoigh cho beag, agus gur ann gu math ainneamh a bhios iad a' faighinn tàire, fiù 's nuair a thèid an laogh a ghineadh le tarbh mòr.
Ach le na treudan ùra cruidh a tha air tighinn a-steach - na Simmentals, na Luing agus mar sin air adhart - chan eil am pelvis aca cho mòr an coimeas, agus tha na laoigh aca nas motha nuair a thèid am breith. Tha iad nas buailtiche a bhith a' faighinn tàire.

A thaobh chaorach, a-rithist 's ann gu math ainneamh a chithear tàire-bhreith am measg nan treudan a tha air a bhith ann bhon naodhamh linn deug - na Dubh-cheannaich agus na Caoraich Mhaola. Ach air sgàth 's gu bheil na h-uibhir dhiubh air am breith aig an aon àm uaireannan tha e a' coimhead gu bheil tàire-bhreith nas cumanta na tha e dha-rìribh!

Ged a tha a' mhòrchuid a dh'eisempleirean air an duilleig seo a' buntainn ri caoraich, air a' chuid as motha tha iad iomchaidh do chrodh cuideachd. 'S e meudachd a' bheathaich as motha a tha a' sònrachadh breith uain is laoigh.

Breith ghnàthach:

Tha caoraich ann an uan airson còig mìosan agus tha crodh ann an laogh airson naodh mìosan (280 latha gu mionaideach -ach dh'fhaodadh e a bhith seachdain nas lugha no cola-deug nas fhaide). Nuair a tha an dà chuid mart is caora a' bagairt air breith, thèid iad air an darna taobh air leth bhon treud. Tha iad buailteach a bhith caran an-fhoiseil, agus iad a' sgrìobadh na talmhainn le an casan-toisich. Bidh caoraich a' snotaireachd air an talamh cuideachd. Dh'fhaodadh seo leantainn airson corra uair (mu shia uair a thìde ann an crodh). Siud agaibh 'ìre a h-aon' dhen bhreith.
An uair sin, tha am breith dha-rìribh a' tòiseachadh, agus tha am balg-uisge a' crochadh rithe:

streafon
am balg-uisge
Tha an dealbh a tha seo a' sealltainn caora a tha an impis uan a chur. Tha am balg-uisge a tha a' crochadh rithe gu tur nàdarrach. 'S e "water bag" a chanas iad ris sa Bheurla, no allantochorion gu saidheansail. Tha e a' sealltainn gu bheil darna ìre a' bhreith air tòiseachadh, agus gu bheil an t-uan air a shlighe. Chan eil adhbhar eagail, ach mura beir i uan ann an uair no dhà b' fhiach e deuchainn a dhèanamh oirre air eagal 's gu bheil slighe an uain ro chumhang, no gu bheil tàire de sheòrsa eile aice.
Uaireannan bidh caoraich a' coiseachd timcheall airson greiseig leis a' bhalg-uisge a' crochadh riutha mar nach robh càil a' tachairt; tha seo gu math àbhaisteach cho fada 's nach mair e ro fhada. Thig na h-oidhirpean-breith làidir - seo 'ìre a dhà' dhen bhreith. Tha am balg-uisge buailteach briseadh aig an àm seo; a-rithist, 's e rud nàdarrach a th' ann. Canaidh iad 'dh'fhalbh an t-uisge' ris.

Beiridh an dà chuid crodh is caoraich is iad nan seasamh, no nan sìneadh. Tha an cuid putaidh gu math furasda fhaicinn. Ma tha mart no caora a' putadh gu làidir fad uair a thìde gun uan no laogh a shealltainn, dh'fhaodadh e a bhith gu bheil rudeigin ceàrr agus 's fhiach e deuchainn a dhèanamh orra, le bhith a' cur do làimhe a-steach. Tha e cho cudromach 's a ghabhas gum tèid seo a dhèanamh le làmh air a nighe, agus a' cleachdadh slìomachd. (Tha fhios gum bi seo doirbh uaireannan le cùis-èiginneach a-mach air a' mhòintich, ach faodar miotagan plastic a chleachdadh - faic os ìosal).
Feumar an làmh a chur a-steach dhan t-slighe-bhreith feuch a bheil an uan a' tighinn, agus a bheil e a' tighinn an rathad ceart. 'S e an rathad ceart ann an crodh is caoraich, an laogh/uan a bhith a' tighinn an comhair a chinn, leis an dà chas-toisich air adhart, na h-uilnean leth-phaisgte, gus a bheil smiogaid an uain/an laoigh ga socrachadh air na luighein. Mar siud, bhon taobh a-muigh chì thu dà chrodhan an toiseach le sròn beagan air dheireadh agus os an cionn.

breith
uan ga bhreith an rathad ceart
Tha e a' tighinn an comhair a chinn 's a dhà chas-toisich; an rathad ceart.
Tha miotagan gorma dìonach air a' chìobaire. Tha esan
air a' chas chlì a tharraing air adhart gus am breith
a chuideachadh. Tha an cas dheas san t-suidheachadh nàdarrach.
Mar as àbhaist chan eil cuideachadh a dhìth air an fheadhainn a tha
a' tighin an rathad seo, ach dh'fhaodadh e a bhith gu bheil an t-uan-se
ro mhòr airson a mhàthar, no gu bheil ise na h-othaisg (tha tàire-bhreith nas buailtiche anntasan).

Cuid dhe na h-adhbharan airson tàire-bhreith

1) Uan/laogh a tha ro mhòr (faic os àrd). Mar as àbhaist, nì tarraing agus tulgadh an gnothach. Thèid na casan a tharraing tè mu sheach. Tha e cudromach a bhith a' tarraing cho socaireach 's a ghabhas, agus gu ruige casan a' mhàthar.

2) Uan/laogh an crochadh:

crochadh
Uan an chrochadh

Dean gliog air an dealbh bheag a tha seo agus chì thu gu bheil an t-uan 'ga chrochadh'. Sin dòigh eile air a ràdh gu bheil an t-uan a' tighinn an comhair a chinn, ach chan eil guth air na casan-toisich; tha iad gan sìneadh air ais. Tha còir aig na casan-toisich a bhith so-fhaicsinneach beagan air thoiseach air smiogaid an uan, air an taobh foidhpe, ach chan eil ach an ceann ri fhaicinn.Cha tèid an t-uan a bhreith san dòigh seo - cha tèid na guailnean seachad air a' pelvis - agus tha a' chaora feumach air cuideachadh. Mura faigh i e, bàsaichidh caora agus uan an ceann ùine a dh'fhaodadh a bhith gu math luath.
Ged as e cùis èiginneach a th' ann, feumar cuimhneachadh gum fuirich an t-uan beò airson greis san t-suidheachadh seo, cho fad 's nach tèid caolan na h-imleig a bhristeadh. Ach ma tha an t-suidheachadh seo a' maireachdainn ro fhada buileach, thèid an t-uan a thachdadh.
Feumar na casan-toisich a thoirt air adhart; dh'fhaodadh seo a bhith furasda, no (ma 's e 's gu bheil na casan gu tur air ais) 's dòcha gum biodh e riatanach an t-uan a chur air ais am broinn na caoraich airson greiseig - gu socair! - far a bheil pailteas de rùm arson nan casan a thoirt air adhart. (Ann an crodh, 's e 'cur an laoigh air ais dhan ùth(!) a chanas iad ri seo). Dh'fhaodadh seo a bhith doirbh ma tha an ceann air at agus tiormachadh, ach gabhaidh a dhèanamh fhathast - feumar foighidinn! Sùighidh an at nuair a tha an uan a-staigh a-rithist. Tha margarine math airson an ceann a shleamhnachadh. Nuair a tha an t-uan air ais ann an leabaidh an uain, 's fhiach e cumail grèim air a' cheann le lùb sreanga fad 's a tha thu a' cur nan casan an rathad ceart (oir tha an ceann buailteach tuiteam an rathad ceàrr). An uair sin, faodar an ceann (an toiseach) agus an dà chas-toisich a tharraing air adhart gu socair slaodach, a' cleachdadh sreang glan air ceann is casan ma tha seo riatanach.

3) Ceann air ais

Dh'fhaodadh seo a bhith doirbh a chur ceart. Le làmh am broinn na caorach, lorgar dà chas-thoisich san t-slighe-bhreith, gun guth air ceann. Gu math tric, feumar: ropannan a chur air na casan, agus am putadh air ais dhan bholg (no 'dhan ùth' mar a chanas iad). Feumar an uair sin lùb a chur timcheall ceann a' bheathaich gus a thoirt thairis air stairsneach a' phelvis agus a-staigh dhan t-slighe-bhreith; nuair a tha e a-steach, feumar na casan a tharraing air adhart às an dèidh.

4) A' tighinn an comhair nan casan-deiridh ...

tattiebogle Chan e droch rud a th' anns an dòigh-bhreith seo, ged a tha cuid a' smaoineachadh gur e. Chan e breith breech a th' ann idir (faic os ìosal). Gu math tric, beirear uan no laogh slàn fallain san dòigh seo ach tha cunnart ann ma tha iad mòr agus gu bheil dàil ann, oir thèid na cruachain no na guailnean a ghlacadh sa phelvis agus an uair sin tha an uan/laogh an cunnart bàsachadh air sgàth brùthadh air caolan an imleig - tha seo a' toirt air an laogh/uan anail a tharraing, ach tha an ceann fhathast a-staigh sna uisgeachan-breith agus thèid am mùchadh. Feumar an cuideachadh a-mach cho luath 's a ghabhas. 'S e teoba airson bheat a tha seo ann an crodh.


5) A' tighinn an comhair an cùil ...

jouk
'S e breech a chanas iad ri seo, far nach eil càil ach earball an uain/an laoigh ri fhaicinn no ri fhaireachdainn air sgàth 's gu bheil na ceithir casan uile nan sìneadh air ais a-steach dhan chom. Cha bheirear an uan/laogh mar seo. Chithear am màthair a' putadh agus a' putadh, gun adhartas sam bith a dhèanamh. Feumar an uan/laogh a phutadh gu socair slaodach "air ais dhan ùth", mar a chanas na Sgitheanaich, agus na casan-deiridh a thoirt a-mach gu faiceallach. Chan fhiach e an uan/laogh a thionndadh gus a bheil e a' tighinn an comhair a chinn; tha teannsa math gun dèan seo milleadh bàsmhor air leabaidh an uain/laoigh.


6) Dà uan/laogh a' tighinn aig an aon àm

Dh'fhaodadh seo a bhith gu math doirbh a rèiteachadh. Faodar casan-deiridh a shònrachadh bho casan-toisich le bhith a' lùbadh nan alt aca (tha dà chiad alt nan cas-toisich a' dol an aon rathad).

7) Teannachadh dhen cervix (ringwomb)

Tha seo a' tachairt ann an caoraich nuair nach eil amhach leabaidh an uain, no cervix sa Bheurla, a' fosgladh san dòigh ghnàthach aig àm breith. Feumaidh an cìobaire a bhith gu math furachail gus tàire-bhreith dhen t-seòrsa seo fhaicinn, air sgàth 's nach tig "ìre 2" dhen bhreith idir - 's e sin ri ràdh, cha tòisich a' chaora ri putadh idir a chionn 's nach tèid ball dhen uan a-steach dhan t-slighe-bhreith. Ma chuirear làmh a-steach, fairichear cearcall teann de dh'fheòil thiugh aig stairsneach leabaidh an uain, 's e a' cur bacadh air breith. Uaireannan, ma dh'obraicheas tu air le meur no dhà gu foighidneach, fosglaidh an teannachadh. Uaireannan eile, chan fhosgail e idir agus tha caesarian a dhìth air a' bheathaich.
Chan eil fhios gu dè a tha ga adhbharachadh.

Ma chithear comharraidhean dhen a' chiad ìre-bhreith - anfhois, sguir a dh'ithe, agus m.s.a.a. - a tha a' stad gun a bhith a' dol gu "ìre 2", tha deagh theansa gu bheil ringwomb a' bualadh air a' bheathach. Feumar am beathach a ghlacadh gu meas.


8) Uan no laogh nach do dh'fhàs ceart


Uaireannan bidh obair-lannsa Caesarian a dhìth air a' bheathach,
gu h-àraidh airson ringwomb ann an caoraich is laogh rò mhòr ann an crodh.



Às dèidh bhreith ...


Grad-mheilicheadh, no lathadh

San Eilean, 's iongantach mura h-e grad-mheilicheadh, no lathadh mar a chanadh cuid, as motha a bhios a' marbhadh uan goirid às dèidh àm breith. Tha iad cho beag 's gun caill iad teas-cuim gu math luath, gu seachd àraid ma tha iad fliuch. Tha fios gu bheil cha mhòr a h-uile uan air a bhreith a-muigh san Eilean, agus tha croitearan is tuathanaich ag amas air an dà sheachdain mu dheireadh san Ghiblean (nas fhaide na a' chòrr de dh'Alba) ach a dh'aindeoin sin, tha an t-sìde gu tric fiadhaich le gaoth is uisge, fiù 's sneachda. Mura faigh iad gu leòr dhen chiad-bhainne, tha e nas buailtiche gum meilichear iad san fhuachd.

Gabhaidh a leigheas le bucas-blàthachaidh agus fuasgladh glucose ga ann-stealladh gu curamach a-steach dhan bhroinn , ach feumaidh an cìobaire a bhith gu math furachail gus na comharraidhean - laigse agus sguir a dheoghail - fhaicinn tràth.



Call uan air sgàth: feannagan, farspaich, sionnaich is iolairean-mara

San Eilean Sgitheanach, far am bi caoraich a' breith a-muigh, tha cunnart mòr ann dha na h-uain ùr-bhreith bho na feannagan is bho na farspaich. Tha na h-eòin seòlta seo a' feitheamh gus am beireadh an uan, an uair sin bheir iad an teangadh às nuair a tha a mhàthair fhathast na sìneadh. Chan urrainn dha na h-uain bhochda a tha seo a bhith beò, agus gun comas-deoghail bàsaichidh iad gu math luath. Leumaidh na h-eòin air a' chlosach.

Bidh cuid ag ràdh gum facas an fharspach fiù 's a' tarraing uan bho slighe-bhreith a mhàthar agus ga ghiùlan air falbh.

Tha cunnart mòr ann bho na sionnaich cuideachd.

Innseadh croitearan an Eilein dhut gu bheil an iolaire-mhara a' togail uan gu math tric. Ach chan eil cròitearan is tuathanaich dhen bheachd gu bheil an iolaire bhuidhe gu tric na cunnart do dh'uain.



Glanadh

'S e 'glanadh' a chanas iad ris an dà chuid am placenta, agus call a' phlacenta às dèidh breith.
Ann an caoraich, mar as tric thig an glanadh a-mach gu nàdarrach às dèidh an uain a bhith ga bhreith. Mura thig e a-mach, chan eil adhbhar dragh ann (ach 's fhiach e dòs antibiotic a thoirt dhaibh); thig e a-mach an ceann ùine.

Ann an crodh, mura glan am beathach às dèidh breith, tha a' mhòrchuid a chròitearan ag iarraidh gun tèid a glanadh leis a' bheat. 'S e teoba mòr a tha seo; feumar na ròsachan, no 'pùtanan' far a bheil an glanadh a' greimeachadh air leabaidh an laoigh, a dhealachadh fear mu seach.
Ach tha cuid dhen bheachd nach eil cunnart ann an glanadh a bhith a-steach, agus tha iad coma co-dhiù ma dheidhinn. Gu dearbh, chan eil fianais dearbhte taobh seach taobh. Bhiodh cuid ag ràdh "Glanadh 'ad mar a ghlanadh 'ad".

Sna seann làithean, bhiodh cuid a' cleachdadh 'ceangal na bròige' leis a' ghlanadh. 'S e sin ri ràdh, bhathar a' ceangal bròg ri ceann a' ghlanaidh, gus cur ris a chuideam!



Fiabhras, no metritis

Bidh seo a' leantainn air tàire-bhreith, gu h-àraid nan d'fhuair am beathach droch làimhseachadh bho chinne-daonna a bha a' feuchainn ri cuideachadh. Sin as coireach gu bheil e cho cudromach gun a bhith a' cur làmhan salach am broinn a' bheathaich. Gheibh bacteria a-steach do leabaidh an uain, agus sìolaichidh iad gu math luath. Dh'fhaodadh am fiabhras a bhith marbhtach. 'S e Clostridia fear dhe na galaran as miosa a gheibheadh a-steach.


Pairilis-bhreith - agus an droch shùil

Tha an t-seòrsa pairilis a tha seo a' togail ceann ann an crodh uaireannan às dèidh tàire-bhreith, gu h-àraidh ma thèid cruachain an laoigh a ghlacadh airson greiseig ann am pelvis a mhàthar. dh'fhaodadh "hiplock" (mar a chanas iad sa Bheurla) droch bhuaidh a thoirt air dà de na nerves a tha a' riaghladh nan casan-deiridh - an obturator agus an gluteal agus uaireannan chan eil comas èiridh aig a' bhò às dèidh dhi breith.
Thig a' mhòrchuid aca am feabhas le tìde; feumar an cumail cofhurtail agus am biathadh. Thig an lùths air ais nan casan, agus thèid a' mhòrchuid os a chionn. Ach chan èirich cuid gu sìorraidh bràth.

Anns na seann làithean, bha creideas eadar-dhealaichte aca. Mura dh'èireadh a' bhò, bhathar a' smaoineachadh gun do chuir cuideigin an droch shùil air a' bhò, agus bha dòighean annasach aca gus an droch shùil a thogail. Thigeadh cuideigin aig an robh deagh chliù a thaobh an droch shùil a thogail. Cleachdadh iad snàithlean clòimhe, 's iad gan geangal ann an calg a' bheathaich - sìos mun druim aice; agus dhèanadh iad ath-aithris air 'eòlas' dhen a leithid seo:

Eòlas snàithle:

Cuirinn comraich Dhè umad,
Sluagh dall tharad;
Do dhìon bho gach gàbhadh;
Soisgeul Dhè nan gràs
O mhullach gu làr umad.
Gun gràdhaicheadh na fir thu
Agus na milleadh na mnà thu.

- Carmina Gadelica

Chaidh innse dhomh le seann bheat gu robh fios is cinnt aige gun robh an creideas seo
fhathast beò san Eilean suas gu co-dhiù na lethcheudan san fhicheadamh linn.