Sealltainn leabaidh an laoigh/
Sealltainn leabaidh an uain

- rud a bhios a' tachairt ro àm breith.

sealltainn Seo caora a tha trom le barrachd air aon uan.
Tha i a' sealltainn leabaidh a h-uain - vaginal prolapse mar a chanas iad sa Bheurla. Tha sealltainn eadar-dhealaichte bho cur a-mach a tha a' ciallachadh uterine prolapse. An-seo, tha an lochd air ùr-thachairt, chan eil cus millidh no truaillidh agus gabhaidh a chur ceart gu ìre mhath furasta. Nuair a tha an rud air a bhith a-mach airson greis, ged-tà, agus mòran millidh air, tha e gu math gu math doirbh am beathach a leigheas agus a chumail beò. Tric is minig thèid an truailleadh a-steach do dh'fhuil a' bheathaich.

Tha sealltainn an leabaidh nas cumanta an-diugh na bha san Eilean, le barrachd chaorach air am biathadh nas fhèarr gus a bheil
leth-uain aca ('s ann nas cumanta a tha e ann an caoraich aig a bheil dà uan). Mar as tric tachraidh an rud taobh a-staigh mìos ro bhreith.

epi
'S e cobhair mhòr a th' ann an epidural

Tha e cudromach an rud a ghlanadh gu socair, le siaban aotrom. Tha e nas fhasa a chur ceart ma chuirear aingealachd air ceathramhan-deiridh a' bheathaich le bhith a' cur epidural a-steach do chnàimh an droma aig bun an earbaill - an alt sacrococcygeal. Mura thèid seo a dhèanamh, tha e doirbh an rud seo a leigheas, air sgàth 's gum bi e a' cur air a' chaora agus piobraichidh seo ise gus a phùtadh a-mach fiù 's nas fhaide.

Tha e traidiseanta airson cìobairean a bhith gan cur air ais - às aonais epidural, tha fios - agus iad a' cleachdadh uidheamachd plastic, no retention devices, a tha a' dol a-steach dhan chaora agus a' feuchainn ri bacadh a chur air an rud a- tachairt a-rithist. Ach tha an uidheamachd seo a' cur air a' chaora gu h-uabhasach fhèin dona, agus tha i buailteach tòrr a' bharrachd pùtaidh a dhèanamh. Agus cuidichidh iad le truailleadh a dhol a-steach do shlighe an uain. Tha e nas fheàrr a bhith cleachdadh ghramannan dhen t-seòrsa Buhner (faic os ìosal). Tha na gramannan seo a' dol fon chraiceann ann an cearcall timcheall na pit - no timcheall an "deiridh" le bhith nas modhaile! - ach chan eil iad a' dol a-steach dhan t-slighe-bhreith. Tha seo cudromach, air sgàth 's nach bi iad a' bòdragadh a' bheathach, agus cha bhi i a' pùtadh tuilleadh is còir.

diagram
Modh-fuaigheil 'Buhner'
Dèan gliog air agus chì thu dealbh sìmplidh dhen t-seòrsa ghreim a tha seo.
(Tha na loidhneachan briste a' sealltainn far a bheil an t-snàthad a' dol fon chraiceann).
Chan eil ach aon greim a dhìth. Tha feum air snàthad mhòr, agus tha tape-lannsa nas fheàrr na snàithle.
Tha am modh seo freagarrach airson an dà chuid crodh is caoraich. Tha fosgladh air fhàgail airson mùin.

Gu follaiseach, feumar na gramannan a thoirt a-mach ro àm breith!

Mar a chithear, 's e teoba airson bheat a tha seo dha-rìribh.

gramannan
Seo i a-rithist às dèidh obair-lannsa
- Chaidh an rud a chur air ais far am bu choir aige a bhith, agus chaidh greim Buhner a chur a-steach.

Feumar antibiotics a thoirt dhan chaora fad co-dhiù còig làithean.