Rò-ràdh

aonach

Bheataireachd san Eilean Sgitheanach

(Chaidh an làrach-sa ùrachadh mu dheireadh air: 25/09/2007)


Cò mi?

Bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste a bhuineas
do Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, nuair a thòisich mi air an làrach seo.
Tha mi nam bheat o chionn còrr is fichead bliadhna.

Tha an làrach seo na thoradh air obair-fhorfhais a rinn mi air an darna bhliadhna dhen chùrsa cheum.
'S ann bho bheul-aithris a thàinig a' mhòrchuid dhen fhiosrachadh; bho bhruidhinn ri croitearan
agus, gu seachd àraid, ri Dòmhnall Iain MacIllinnein MRCVS, MBE, a bha na bheat sa sgìre seo fad iomadh bliadhna.

Rannsaich mi seann leabhraichean cuideachd.

Tha mi fada an comain nan daoine còire uile a bha cho deònach bruidhinn rium.


Croitearachd...

it

'S e sgìre croitearachd a th' anns an Eilean Sgitheanach.
Barrachd fiosrachadh mu chroitearachd - (tha an làrach-se sa Bheurla air a' chuid as motha).


Gheibhear faclair beag Gàidhlig gu Beurla, agus fear Beurla gu Gàidhlig cuideachd, le bhith a' bruthadh: faclair

Faighibh fiosrachadh a' bharrachd air bheataireachd san fharsaingeachd:
aig: Colaiste Rìoghail nan Lighichean-Sprèidh (làrach Beurla)
no aig: Comann Lighichean-Sprèidh Bhreatainn (làrach Beurla)


Talamh monaidh ...

hoots mon
Talamh "leasaichte" agus talamh monaidh (nas fhaide bhuainn)

Thig duilgheadasan mòra an cois an t-seòrsa talmhainn seo;
faic gu sònraichte an glupad, an gartan agus galar nan cluas.


Gàidheal
Bò Ghàidhealach

Barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn crodh Gàidhealaich (làrach Beurla).


Nach cuir sibh ur beachdan thugam!

Seo an seòladh:

och aye


Thoiribh an aire ...

Chan e teacsa bheataireachd a tha seo! Chan e ach beagan fiosrachaidh, aig ìre gu math
simplidh, air cuid de na galaran a tha a' togail ceann san Eilean, dhaibhsan a tha a' cur suim
sa' Ghàidhlig, san Eilean Sgitheanach agus an gabhail cùram do bheathaichean.

Cuimhnich gu bheil e mi-laghail leigheas a thoirt do bheathaichean càich mura h-eil thu nad bheat!

"Tha duine is ainmhidh buailteach do cheithir
galaran fichead; galar airson gach uair san latha."

- seanfhacal