LOBHADH NAN CAS

Chan eil lobhadh nan cas cho cumanta san Eilean agus a shaoileadh neach, ach tha e ann.

'S e galar gabhaltach a th' ann - galar chaorach - a bhios daonnan a' bualadh air
barrachd air aon chaora san treud. 'S ann bho phàircean gorma a thogas iad e.

lobhadh
1. Lobhadh nan cas

Chithear droch milleadh air a' chraiceann eadar an dà ladhar, is e a' sgaoileadh taobh a-staigh dha na ladhair; tha a' phàirt ìneach dhe na ladhair air a cnàmh ann an àiteachan, gu h-àraid mun ladhair deas mar a tha sinne ga fhaicinn. Daonnan tha samh dona a' tighinn às. 'S e bacteria dhen ghnè Bacteroides nodosus a th' anns a' ghrìd a tha ga adhbharachadh. Nuair a tha caoraich uile a' leantainn an aon cas-cheum ann am pàirc ghorm (rud a tha nàdarrach do chaoraich), tha B. nodosus a' togail suas air a' chas-cheum agus thèid a sgapadh gu luath.
Tha lobhadh nan cas gu math pianail agus bhiodh a' chaora bhochd a tha seo gu math crùbach.

Gu h-iongantach, 's ann nas cumanta a tha e nuair a tha iad air an cumail air pàircean feurach (nuair a tha iad a-mach air a' chùl-cinn - air a' mhonadh - thèid na casan aca a ghlanadh eadar na ladhair le fraoch is fraineach).

gnàthach
2. Cas caorach fhallain
(às dèidh a glanaidh)

Chithear ann an dealbh 2 gu bheil an dà chuid na ladhair, agus an craiceann eadarra, slàn fallain - gun deargad gun milleadh.


scald
3. Scald

Chithear milleadh ris an canas iad scald ann an dealbh 3. 'S e seo rud a tha a' bualadh a-mhàin air a' chraiceann eadar an dà ladhar. Tha e fhathast gu math pianail, ach chan eil e a' toirt buaidh air pàirt ìneach nan ladhair idir. Ma nì thu gliog air an dealbh gu h-àrd, chì thu gu bheil at, deargad agus sgreaban sa chraiceann eadar-na-ladhair, a bu choir a bhith gu tur glan às dèidh glanaidh. Chan eil milleadh ri fhaicinn air na ladhair idir. 'S e bacteria dhen ghnè Fusiformis necrophorus as coireach, agus tha cuid dhen bheachd gu bheil e buailteach leantainn gu lobhadh nan cas (ged nach bi seo a' tachairt a h-uile turas).


aotrom
4. Lobhadh nan cas - tràth na chùrsa

Tha dealbh 4 a' sealltainn cas air an robh scald agus a lean oirre gu fìor lobhadh nan cas. Chithear gu bheil milleadh an dà chuid air a' chraiceann, agus a' tòiseachadh air na ladhair fhèin - gu h-àraidh air na sàiltean. (Seo an coltas a bh' air a' chas às dèidh a glanaidh).


Laimhseachadh ...

Feumar antibiotics a thoirt dhaibh; tha an fheadhainn àbhaisteach m.e oxytetracycline ag obair fìor mhath. Sna làithean a dh'aom, bhiodh e ga mheas nàdarrach a bhith a' gearradh aiste craiceann is ladhar marbh le sgian sònraichte, ach an-diugh tha sinn nas leisge siud a chuir an gnìomh air sgàth 's gu bheil e gu math pianail dhan bheathach bhochd. A thaobh dòighean eile, 's e cungaidh-leighis mhath a th' ann an cas-ionnlaid de zinc oxide 10% cuideachd. Thèid formalin a chleachdadh mar cas-ionnlaid cuideachd, ach tha e nas cruaidhe orra.

Cungaidh-bhacaidh air a shon ...

A-nis, tha banachdach ri faighinn an aghaidh lobhadh nan cas, far a bheil e a' bualadh gu dona air treud. Ach is fheàrr an rud a sheachdnadh le deagh ghleidheadh.