gneaghar

Tha an galar-craicinn chaorach seo buailteach tachairt ann an sgìreachdan fliuch. Tha e cudromach air sgàth 's gu bheil e a' lughdachadh luach an rùisg.

Tha iomadh ainm Beurla air a shon, nam measg: lumpy wool; rainscald; Dermatophilosis. 'S a am meanbh-bheathach Dermatophilus congolense a tha ga adhbharachadh - ach 's e uisge às na speuran a tha a' lughdachadh dìon a' chraicinn! Air sgàth sin, tha e gu math cumanta san Eilean.


gneaghar mu dhruim chaorach
cnap

cnap Tha a' chlòimh buailteach thighinn far a' bheathaich ann an cnapan sgreabach (faic làmh chlì)



Seo an grìd no bacteria a tha ga adhbharachadh, Dermatophilus congolense: Derm

Dh'fhaodadh droch chùis de ghneaghar a bhith gu math coltach ris a' chlaimh. Tha e cudromach diagnosis cinnteach agus luath a bhith agad, oir tha leigheasan eadar-dhealaichte aig gach galar, agus tha a' chlaimh gu math gu math trom orra. An rud a tha ga dhèanamh gu ìre mhath furasta - chan eil na caoraich cho tachasach fo bhuaidh gneaghair agus a tha iad fo bhuaidh a' chlaimh. Faodar diagnosis cinnteach a ruigsinn gu sìmplidh le bhith a' coimhead air na sgreaban fon microscope. Chì thu Dermatophilus ann an sreathan co-shìnte (faic os àrd), no chì thu a' chlaimh-bhiast fhèin (chithear e leis an t-sùil a-mhàin co-dhiù).

Tha cuid a' smaoineachadh gu bheil gneaghar a' fantainn beò mu chluasan a' bheathaich nuair a tha an t-sìde tioram, nuair nach eil e a' bualadh air a' chlòimhe:

bog
Milleadh cha mhòr do-fhaicsinneach mun chluas.
Chan fhaicear ach na guireannan beaga biodach seo. Ach nuair a thig
sìde fhliuch, sgapaidh Dermatophilus a-mach sìos mu dhruim a' bheathaich.


Leigheas ...

Gheibhear diopaichean sònraichte air a shon (nach eil cairdeach dha na diopaichean àbhaisteach). Cuideachd, faodar pùdar sònraichte alum a chuir air an dromanan ma 's e 's gu bheil ach corra dhiubh fo bhuaidh. Uaireannan, feumar a' chlòimh a ghearradh air falbh.