Cur a-mach leabaidh an uain/
Cur a-mach leabaidh an laoigh


cur
Tha am mart seo air leabaidh a laoigh a chur a-mach
(goirid às dèidh dhi breith)

Chitheadh sibh gu bheil a bolg, no a machlag, a' crochadh rithe - 's e "Chuir i a-mach leabaidh a laoigh" a chanadh muinntir an Eilein Sgitheanaich ri seo; cha chleachdadh iad facail mar "bolg" is "machlag" gu math tric. 'S e tè bheag a tha seo - cha tàinig an rud gu lèir a-mach! Nuair a chuireas mart an rud gu lèir a-mach, 's e rud anabarrach mòr a th' innte.

'S e rud a bhios a' bualadh air crodh no caoraich goirid às dèidh àm breith a tha seo (uaireannan thèid a cur a-mach cuide ris an laoigh!). Cha b' abhaist dhan rud a bhith a' tachairt ach gu math ainneamh anns a' Ghàidhealtachd; bha treudan de chrodh nàdarrach a' buntainn dhan àite - crodh Gàidhealach, an dà chuid an fheadhainn dhearga gus an fheadhainn dhubha - agus cha robh iad buailteach a bhith a' faighinn an rud seo. Tha na pelvises aca cho mòr, agus na laoigh cho beag nuair a thèid am breith.
Ach thàinig dòighean ùra, le seòrsaichean ùra cruidh a' tighinn a-steach - feadhainn a bha air am measgachadh le fuil threudan eile às a Ghalltachd no às an Roinn-Eòrpa, fiù 's. Chaidh iad seo a chur còmhla ri tairbh mhòra continental agus bhiodh iad a' faighinn tàire-bhreith mòran nas trice, air sgàth nan laogh mòra a bh' aca ri breith. Thathar dhen bheachd gun tig cur a-mach leabaidh an laoigh an cois tàire-bhreith.

'S e obair mhòr mhòr a th' ann ann an crodh a bhith ga cur air ais far an robh i, air sgàth a meadachd. Tha co-dhiù dà neach a dhith (chan eil e cho buileach dona ann an caoraich). Feumar an rud a ghlanadh, cho faiceallach 's a ghabhas, agus bidh cuid a' toirt a' ghlanaidh fhèin air falbh ma 's e 's gu bheil e fhathast ceangailte. Dh'fhaodadh siùcair a bhith na cuideachadh; às dèidh crathadh siùcair, tha at na leapa a' sùghadh. An uair sin, feumar an rud a thogail agus a phùtadh air ais gu socair. Cuidichidh epidural le seo. Gheibhear cobhair cuideachd ma tha am beathach na sheasamh, no na laighe, 's i a' dol le bruthaich. (Anns na seann làithean, mus tàinig na h-'epidurals' a-steach, bhathar a' togail casan-deiridh a'mhairt le tractar, gus am biodh cudrom an rud a' dol leis). Feumar dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile cuibhreann dhith san t-suidheachadh far am bu choir dhi a bhith - tha seo gu h-àraidh doirbh.

Aon uair is a tha an rud air ais na broinn, bu choir fuaigheal a chur sa "dheireadh" - faic duilleag eile: sealltainn leabaidh an laoigh.

leabaidh
leabaidh uain a chaidh a chur a-mach
Chithear cuid de na ròsachan, far a bheil an glanadh ga cheangal.

'S e rud bàsmhor a dh'fhaodadh a bhith ann an cur a-mach leabaidh an laoigh/an uain; fiù 's nuair a thèid a cur air ais am
broinn a' bheathach gu sgiobalta, tha iad buailteach puinnsean-fala fhaighinn air sgàth truailleadh. Tha seo fìor fiù 's às dèidh antibiotics.

sclera
puinnsean-fala ann am mart
Chithear gu bheil na cuislean beaga ann an geal na sùla air at.
'S e comharra cudromach air puinnsean-fala a tha seo - fìor dhroch chomharra.